« Previous | Contents |
Listen
5. Leasachadh Dreuchd
5.1 A' Gluasad Luchd-teagaisg Làn Bharrantaichte don Ghàidhlig
5.1.1 Tha gainnead luchd-teagaisg na Gàidhlig ann aig a h-uile h-ìre. Ach, tha àireamhachd a dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba o chionn ghoirid a' tarraing aire don fheadhainn a b' urrainn teagasg tro mheadhan na Gàidhlig ach nach eil a' dèanamh sin an-dràsta. Anns an àireamhachd as ùire tha 253 neach-teagaisg bunsgoile ag ràdh gum b' urrainn dhaibh teagasg tro mheadhan na Gàidhlig ach chan eil ach 159 ga dhèanamh. Aig ìre na h-àrdsgoile is urrainn do 112 teagasg sa Ghàidhlig ach chan eil ach 44 ag obair tro mheadhan na Gàidhlig aig an àm seo.
5.1.2. B' ann air an adhbhar seo a bha ùidh aig a' Bhuidhinn ann an dòighean a b' urrainn dhaibh cuimseachadh air luchd-teagaisg aig a bheil Gàidhlig ach nach eil a' teagasg sa chànan an-dràsta. Feumar an luchd-teagaisg seo a lorg agus taic a thoirt dhaibh ma tha iad mì-chinnteach no mì-chomhfhurtail mu dheidhinn teagasg tro mheadhan na Gàidhlig.
5.1.3 Shaoil a' Bhuidheann gur mathaid gu robh feum air tuilleadh fiosrachaidh air comasan cànain sònraichte na feadhna nach robh a' teagasg tro mheadhan na Gàidhlig. Dh' fhaodadh gu robh cuid de luchd-teagaisg airson gluasad don mheadhan Ghàidhlig ach gu robh lochdan air a' Ghàidhlig aca agus gun cuireadh iad feum air cùrsa cànain sa chiad dol a-mach airson na sgilean cànain aca a leasachadh.
5.1.4. Bha a' Bhuidheann mothachail gu robh cùrsa a bha Sabhal Mòr Ostaig ( SMO) agus Obar Dheadhain a' deasachadh a' dol a fhreagradh mòran de na feuman seo a chaidh aithneachadh, a thaobh sgilean cànain san fharsaingeachd agus comasan Gàidhlig a' buntainn ri cuspairean àraidh. Shaoil a' Bhuidheann gur mathaid gu robh ceistean eile ann a dh'fheumadh dèiligeadh riutha le duaisean airson gluasad no sochairean a gheibheadh luchd-teagaisg nan dèanadh iad ath-thrèanadh.
5.1.5 Bha cùrsa ri fhaighinn aig SMO bho 1999 airson luchd-labhairt na Gàidhlig a chuideachadh a' gluasad do theagasg tro mheadhan na Gàidhlig. Bha grunn adhbharan ann nach do ghabh mòran daoine cothrom a dhol air. Tha cruth dealanach den chùrsa a-nis ga dheasachadh airson luchd-teagaisg cuspaireil anns an àrdsgoil. Tha e ga dheasachadh an-dràsta le sùil air lìbhrigeadh ann an ioma-cruth bhon Fhaoilleach 2006 a-mach. Tha trì modulan ann: Adhartas Cànain, Leasachadh air Eòlas Cuspaireil agus Meòrachadh Proifeiseanta. Is e amas a' chùrsa misneachd a thogail am measg an luchd-teagaisg a tha a' lìbhrigeadh, no a dh'fhaodadh a bhith a' lìbhrigeadh, a' chuspair speisealta aca tro mheadhan na Gàidhlig.
5.1.6 Tha an cùrsa seo ga dheasachadh airson luchd-teagaisg àrdsgoile a chuideachadh a' gluasad do theagasg tro mheadhan na Gàidhlig ach dh'fhaodar na modulan aige atharrachadh airson luchd-teagaisg bunsgoile a chuideachadh cuideachd. Shaoil a' Bhuidheann gur e adhartas a bhiodh an-seo agus gum bu chòir don chùrsa seo a dhèanamh fosgailte do luchd-teagaisg bunsgoile cho math ri luchd-teagaisg àrdsgoile airson cuideachadh na feadhna a tha airson gluasad.
5.2 Cothroman Àrdachaidh Dreuchd
5.2.1 Bha a' Bhuidheann mothachail gum bu chòir do dhreuchd ann an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig a bhith tarraingeach agus is e aon dòigh air seo a thoirt gu buil dèanamh cinnteach gu robh cothroman ann airson àrdachaidh dreuchd. Bha dìth chothroman àrdachaidh do luchd-teagaisg ga thogail uaireannan mar adhbhar airson dreuchd ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a sheachnadh. Bha cuid de dh'adhbharan airson dòchais anns a' chùis seo, ged tha, agus tha na structaran a tha ann an-dràsta a' lìbhrigeadh chothroman nach robh ann roimhe. Mar eisimpleir, dh'fhaodar frèam-obrach a' Phasgain Luchd-teagaisg airson an 21mh Linn a chleachdadh airson slighe nas soilleire ann an leasachadh dreuchd a lìbhrigeadh do luchd-teagaisg Gàidhlig.
5.2.2 Cha bu chòir bacadh sam bith a bhith ro luchd-teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig a dhol a-steach airson dreuchdan ùra nam prìomh luchd-teagaisg ann am bunsgoiltean na h-Alba. Bu chòir beachdachadh gu cùramach air seo mar dhòigh riaghlaidh air sgoiltean co-cheangailte agus a thaobh prìomh luchd-teagaisg a chur an dreuchd airson Clàr-oideachaidh na Gàidhlig ann an Cruinneachaidhean Bhunsgoiltean. Bu chòir dha a bhith comasach do ùghdarrasan seo a chur air dòigh fon eagrachadh a tha ann an-dràsta.
5.2.3 Chuireadh seo slighe dhreuchd agus cruth riaghlaidh air bhonn far am faigheadh luchd-teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig a bha nam prìomh luchd-teagaisg dleastanasan sònraichte ann an ùghdarrasan. Ann an àrdsgoiltean an-dràsta tha a' Ghàidhlig ga cùnntadh ann an Dàmhan Cànain nan Sgoiltean. Bhiodh e comasach do neach-teagaisg na Gàidhlig a bhith na p(h)rìomh neach-teagaisg ann an dàmh den leithid. Tha seo a' tachairt mar tha ann an cuid de sgìrean. Chan e dìreach luchd-teagaisg cànan na Gàidhlig a bu chòir cothrom fhaighinn a bhith na p(h)rìomh neach-teagaisg; bu chòir do na dreuchdan seo a bhith fosgailte do luchd-teagaisg cuspaireil tro mheadhan na Gàidhlig cuideachd.
5.2.4 Thathas a' sùileachadh gum bi ath-bhreithneachadh ga dhèanamh air prògram an Luchd-teagaisg Cùmhnantaichte a dh'aithghearr agus bu chòir don ath-bhreithneachadh a tha san amharc feuman luchd-teagaisg na Gàidhlig a fhreagradh. Dh'fhaodadh gun èireadh modul do luchd-teagaisg na Gàidhlig à seo. Bu chòir beachdachadh air modul Gàidhlig a chur don Inbhe Cùmhnantachaidh agus don Inbhe Ceannardais nuair a ghabhas sin a dhèanamh. Tha obair chudromach aig ùghdarrasan ionadail mar tha ann a bhith a' lìbhrigeadh leasachaidh phroifeiseanta leantailich do luchd-teagaisg agus, nuair a tha e comasach, bu chòir dhaibh co-obrachadh le chèile airson leigeil le luchd-teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig ann an aon ùghdarras a dhol gu tachartasan leasachaidh phroifeiseanta leantailich Ghàidhlig ann an ùghdarras eile. Tha pàirt chudromach aig Ionnsachadh agus Teagasg na h-Alba, le Gàidhlig Air-loidhne agus A' Chuisle, anns an obair seo.
5.3 Cànan na Gàidhlig sa Bhunsgoil ( CGBS)
5.3.1 Tha Riaghaltas na h-Alba air taic a thoirt do CGBS bho 2001. Tha CGBS glè choltach ris a' phrògram nas sgaoilte, Cànanan an Latha an-diugh sa Bhunsgoil, agus tha grunn ùghdarrasan ga thoirt air adhart. Tha an cùrsa CGBS a' tabhann fichead latha trèanaidh do luchd-teagaisg bunsgoile airson an cuideachadh gus cànan na Gàidhlig a theagasg sa bhunsgoil. Rinn an t-Ionad Albannach airson Fiosrachaidh air Teagasg Cànain ath-bhreithneachadh air CGBS agus chaidh àireamhan agus deagh bheachdan luchd-teagaisg a mholadh. Tha an Riaghaltas a' lìbhrigeadh cuid de thaic shònraichte airson CGBS agus dh'fhaodar Maoin Chànanan Riaghaltas na h-Alba a chleachdadh airson seo cuideachd.
5.3.2 Rinn Earra-Ghaidheal is Bòid dearbhadh air prògram trèanaidh do luchd-teagaisg bunsgoile a leigeadh leotha cuideachadh le CGBS anns an t-seòmar sgoile. Bidh Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle nan Eilean Siar, agus co-chruinneachadh ùghdarrasan (Sruighlea, Siorrachd Àir an Ear, Peairt agus Cinn Rois, Siorrachd Lannraig a-Tuath) a' tabhann CGBS cuideachd; bidh Earra-Ghaidheal is Bòid a' lìbhrigeadh neach-oideachaidh agus is e Stòrlann a bhios a' lìbhrigeadh nan stuthan teagaisg a-nis. Tha grunn ùghdarrasan eile air ùidh a nochdadh ann an CGBS.
5.3.3 Tha an cùrsa air a bhith glè shoirbheachail agus tha e air cuideachadh le teagasg CGBS a stèidheachadh ann am bunsgoiltean. Bhon bhunait dhaingeann seo bu chòir dha brosnachadh a thoirt do lìbhrigeadh na Gàidhlig mar chuspair anns an àrdsgoil. Bho 2001 tha trithead 's a còig neach-teagaisg air trèanadh CGBS fhaighinn sa cho-bhanntachd agus tha a' Bhuidheann airson taic làidir a chur an cèill airson obair agus meudachadh chùrsaichean CGBS.
5.4 CGBS san Àm ri Teachd
5.4.1 Tha Oilthigh Obar Dheadhain airson cùrsa a dheasachadh airson meudachadh a thoirt air an àireimh luchd-teagaisg an-sàs ann an cur air adhart na Gàidhlig agus air an àireimh sgoilearan ag ionnsachadh na Gàidhlig. Bheir an cùrsa cothrom do luchd-teagaisg bunsgoile a tha ag obair anns a' phroifeisean mar tha agus a tha air a' phrògram CGBS 20-latha a chrìochnachadh, leasachadh a dhèanamh air an cuid eòlais air a' Ghàidhlig; agus, cuideachd, bheir e piseach air an comas an clàr-oideachaidh luchd-ionnsachaidh Gàidhlig 5-14 a theagasg gu misneachail do na sgoilearan as sine sa bhunsgoil agus as òige san àrdsgoil. Tha an cùrsa ag amas air luchd-teagaisg bunsgoile agus àrdsgoile aig a bheil eòlas ionnan ri CGBS agus a tha airson Gàidhlig a theagasg do luchd-ionnsachaidh sa bhunsgoil agus A1/A2.
5.4.2 Leigeadh an cùrsa seo, a tha Obar Dheadhain a' deasachadh, le luchd-teagaisg an clàr-oideachaidh 5-14 gu lèir a lìbhrigeadh agus a mheasadh, agus nuair a bha barrachd eòlais agus misneachd aca, an Ìre Choitcheann a lìbhrigeadh. Tha an oidhirp seo cuideachd ag amas air cothrom a thoirt do luchd-teagaisg a tha ag iarraidh ionnsachadh iar-cheumnach a dhèanamh. Bhiodh an obair a bharrachd seo air aithneachadh anns a' Mhaighstireachd Iar-cheumnach ann am Foghlam agus aithnichte le CTCA mar theisteanas a dh'fhaodadh nochdadh aig Ìre 2 anns an fhrèam-obrach Leasachaidh Phroifeiseanta Leantailich luchd-teagaisg. Tha a' Bhuidheann a' moladh Obar Dheadhain airson na h-obrach seo agus a' toirt taic do leasachadh nan cùrsaichean seo anns an àm ri teachd.
Molaidhean:
- Bu chòir do ùghdarrasan ionadail luchd-teagaisg le Gàidhlig a lorg, am brosnachadh gus gluasad a dh'obair sa mheadhan Ghàidhlig, agus an cuideachadh le trèanadh sam bith a tha a dhìth orra.
- Bu chòir don Riaghaltas cumail orra a' toirt taic do chùrsa Shabhail Mhòir Ostaig, a chuidicheadh luchd-teagaisg a' gluasad don mheadhan Ghàidhlig, agus bu chòir an cùrsa fhosgladh do luchd-teagaisg bunsgoile.
- Bu chòir do ùghdarrasan ionadail obair còmhla gus am faigheadh luchd-teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig ann an aon ùghdarras cothrom air tachartasan Leasachaidh Phroifeiseanta Leantailich Ghàidhlig ann an ùghdarras eile.
- Bu chòir do Ionnsachadh agus Teagasg na h-Alba, le Gàidhlig Air-loidhne, taic a thoirt do luchd-teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig anns an leasachadh phroifeiseanta aca.
- Bu chòir do ùghdarrasan cothroman àrdachaidh dreuchd a thoirt do luchd-teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig anns a' bhunsgoil agus an àrdsgoil le a bhith a' beachdachadh orra nuair a thathas a' fastadh prìomh luchd-teagaisg agus ceannardan dhàmhan, nuair a tha sin freagarrach.
- Tha a' Bhuidheann a' sùileachadh gun toir ùghdarrasan ionadail agus CGBS taic do chùrsa Oilthigh Obar Dheadhain, agus bu chòir do Riaghaltas na h-Alba taic a thoirt do leasachadh chùrsaichean Obar Dheadhain airson luchd-teagaisg a' dèanamh CGBS.
- Bu chòir Maoin Chànanan Riaghaltas na h-Alba cumail air a' toirt taic do CGBS.
Buidheann-ghnìomha Luchd-teagaisg
Mata MacÌomhair | Neach-clàraidh/Àrd-oifigear Comhairle Teagaisg Choitcheann na h-Alba |
|---|
Brùs Robasdan | Ceannard an Fhoghlaim, Comhairle na Gàidhealtachd |
|---|
Murchadh MacÌomhair | Ceannard Solarachaidh Foghlaim, Comhairle Siorrachd Lannraig a-Tuath |
|---|
Bill Maxwell | Àrd-neach-sgrùdaidh na Bànrighe airson Foghlaim |
|---|
Iain Mac a' Ghobhainn | Deadhan Dàimh an Fhoghlaim, Oilthigh Shrathchluaidh |
|---|
Cathy Macaslan | Deadhan Dàimh an Fhoghlaim, Oilthigh Obar Dheadhain |
|---|
Cairistìona Walker | Neach-òraid ann am Foghlam Gàidhlig, Oilthigh Obar Dheadhain |
|---|
Donnchadh MacFhearghais | Ceannard Àrdsgoil a' Phluic/Cathraiche Bòrd na Gàidhlig |
|---|
Dòmhnall MacEanraig | Ceannard Roinn an Luchd-teagaisg |
|---|
Dùbhghlas Ansdell | Aonad na Gàidhlig |
|---|
Eòghan Stiùbhart | Aonad na Gàidhlig/Bòrd na Gàidhlig |
|---|
Àireamh Sgoilearan ann am FTMG Bunsgoile 1985-6-2004-5
Fiosrachadh:Oilthigh Shrathchluaidh/Comunn na Gàidhlig 2005

Àireamh Aonadan agus Sgoiltean FTMG Bunsgoile 1985-2005
Fiosrachadh:Oilthigh Shrathchluaidh/Comunn na Gàidhlig 2005

Luchd-ceumna FTMG Bunsgoile agus Àrdsgoile ann an Alba1997-98 to 2004-05
Fiosrachadh:Oilthigh Shrathchluaidh/Oilthigh Obar Dheadhain 2005 / CTC na h-Alba 1999

Luchd-ceumna bhon Cholaiste a-Tuath/ Oilthigh Obar Dheadhain 97-98 to 04-05
Fiosrachadh:Oilthigh Obar Dheadhain 2005

Luchd-ceumna Oilthigh Shrathchluaidh 97-98 to 04-05
Fiosrachadh:Oilthigh Shrathchluaidh 2005

Luchd-teagaisg Bunsgoile a rèir comas teagasg tron Ghàidhlig agus Aois, 2004
Fiosrachadh:Riaghaltas na h-Alba 2005

Luchd-teagaisg Àrdsgoile a rèir comas teagasg tron Ghàidhlig agus Aois, 2004
Fiosrachadh:Riaghaltas na h-Alba 2005

Luchd-teagaisg Àrdsgoile a rèir comas teagasg tron Ghàidhlig agus Prìomh Chuspair, 2004
Fiosrachadh:Riaghaltas na h-Alba 2005

Luchd-teagaisg Bunsgoile a rèir Comas Teagasg tron Ghàidhlig aguonadail, 2004
Fiosrachadh: Riaghaltas na h-Alba 2005

Luchd-teagaisg Àrdsgoile a rèir comas teagasg tron Ghàidhlig agus Ùghdarras Ionadail, 2004
Fiosrachadh: Riaghaltas na h-Alba 2005

Luchd-teagaisg Bunsgoile as urrainn FTMG Bunsgoile a theagasg, 2004

Fiosrachadh: Riaghaltas na h-Alba 2005
Luchd-teagaisg Àrdsgoile as urrainn teagasg tron Ghàidhlig, 2004

Fiosrachadh: Riaghaltas na h-Alba 2005
« Previous | Contents |