On this page:

Aithisg Buidhne-gnìomha Luchd-teagaisg tro Mheadhan na Gàidhlig

« Previous | Contents | Next »

Listen

2. Cothroman Foghlaim Luchd-teagaisg

2.1 Cothroman Foghlaim Luchd-teagaisg an-dràsta

2.1.1. Tha seachd stèidhean foghlaim luchd-teagaisg ann an Alba agus às na seachd sin, bidh trì a' tabhann foghlam luchd-teagaisg sa Ghàidhlig. Is iad seo na dàmhan foghlaim aig Oilthigh Shrathchluaidh agus Oilthigh Obar Dheadhain, agus gu ìre nas lugha, Oilthigh Ghlaschu. Bidh ciad fhoghlam luchd-teagaisg sa Ghàidhlig a' tachairt anns na cùrsaichean B.Ed agus PGDE. O chionn ghoirid, tha Oilthighean Obar Dheadhain agus Shrathchluaidh air com-pàirteachasan a stèidheachadh le buidhnean eile airson foghlam pàirt-ùine agus foghlam air astar no far-champus a lìbhrigeadh airson luchd-teagaisg na Gàidhlig.

2.1.2. Bidh Riaghaltas na h-Alba a' dèanamh Eacarsaich Planaidh na Sgioba Luchd-teagaisg a h-uile bliadhna. Bithear a' sgrùdadh mar a tha muinntir a' phroifeisein air an sgapadh air feadh na dùthcha, àireamhan sgoilearan san àm ri teachd agus gluasad a-mach 's a-steach don phroifeisean, gus faicinn co mheud neach-teagaisg ùr a bhios a dhìth. Is e buil a' phròiseis seo gun tèid Stiùireadh a dheasachadh le SEED airson SFC. Bidh comhairle anns an Stiùireadh seo air grunn raointean seach na feadhna a chaidh a luaidh gu h-àird, leithid phrìomhachasan chuspairean agus iarrtas a thaobh luchd-teagaisg airson sgoiltean eaglaise agus luchd-teagaisg Gàidhlig.

2.1.3. Tha an Stiùireadh seo a' comhairleachadh SFC gu bheil solarachadh luchd-teagaisg airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig fhathast na phrìomhachas airson Mhinistearan na h-Alba. Tha gealladh Com-pàirteachaidh aig an Riaghaltas cuideachd gun cùm iad orra a' tasgadh airgid ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, a' gabhail a-steach barrachd àiteachan a lìbhrigeadh airson trèanadh luchd-teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig. Ann an co-chòrdadh ri seo, tha Roinn Foghlaim an Riaghaltais air iarraidh air a' Chomhairle cumail orra a' brosnachadh solarachaidh anns an raon seo. An-dràsta tha Comhairle Mhaoineachaidh na h-Alba ( SFC) a' lìbhrigeadh maoineachaidh airson fichead àite do luchd-labhairt na Gàidhlig air cùrsa (Bunsgoile) PGDE Oilthigh Shrathchluaidh agus còig àiteachan aig Oilthigh Obar Dheadhain.

2.1.4. A thuilleadh air sin, tha an Riaghaltas a' sùileachadh gum beachdaich SFC air sligheachan eile a dh'ionnsaigh àireamhan Luchd-teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig, an dà chuid bunsgoile agus àrdsgoile, a chur am meud, ach aig an aon àm gum bi iad mothachail gu feum a h-uile h-oileanach ann an Ciad Fhoghlam Luchd-teagaisg ( CFLT) an aon ìre theisteanais airson faighinn a-steach. Bu chòir, cuideachd, beachdachadh air oileanaich bho thall thairis aig a bheil an ìre theisteanais cheart ach nach urrainn prìs a' chùrsa a phàigheadh.

2.1.5. Tha an Stiùireadh do SFC cuideachd a' moladh gum brosnaichear luchd-solair foghlam luchd-teagaisg gus a bhith fosgailte nan dòigh-smaoineachaidh a thaobh thagraichean do na cùrsaichean ciad fhoghlaim le bhith a' toirt agallaimh don a h-uile duine a bhiodh comasach teagasg ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Bidh Oilthighean Shrathchluaidh agus Obar Dheadhain a' cumail ri seo agus bidh iad a' feuchainn ris a h-uile duine fhaicinn aig a bheil an ìre theisteanais fhreagarrach.

2.1.6. Bidh na tagraichean a' faighinn agallaimh dhà-chànanaich agus feumaidh iad eacarsaich sgrìobhte a dhèanamh airson dearbhadh gu bheil iad litearra sa Ghàidhlig. Gheibh a h-uile tagraiche a dhearbhas gu bheil iad fileanta, litearra agus comasach air a' chlàr-oideachaidh a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig àite cho luath sa nochdas iad fianais airson na h-ìre teisteanais freagarraich.

2.2 Sligheachan Ùra

2.2.1 Tha stiùireadh an Riaghaltais do SFC a' gabhail a-steach taic airson sligheachan ùra do theagasg Gàidhlig a lorg. Tha seo air sligheachan ùra cudromach do theagasg na Gàidhlig a thoirt am follais anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad. Chaidh na sligheachan seo a dheasachadh airson daoine a thàladh a theagasg nach b' urrainn ùine mhòr a chur seachad ann an Glaschu no Obar Dheadhain agus a leigeadh leotha trèanadh agus cleachdadh obrach fhaighinn faisg air an dachaigh aca.

2.2.2 Tha luchd-solair trèanaidh air mòran a thasgadh anns na sligheachan ùra seo agus tha toradh a' tighinn am bàrr mar tha. Anns an Òg-mhìos 2005, thàinig deich neach-teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig à dà shlighe ùr do theagasg tro mheadhan na Gàidhlig, aon a chuir Oilthigh Obar Dheadhain air bhonn agus tèile tro chom-pàirteachas eadar Oilthigh Shrathchluaidh agus Institiùd nam Mìle Bliadhna aig Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eileanan ( IMBOGE).

2.2.3. Is e cùrsa trithead 's a sia seachdain far-champus a tha anns a' chùrsa PGDE Shrathchluaidh/ IMBOGE airson barrantas teagasg tro mheadhan na Gàidhlig agus na Beurla. Tha an cùrsa ga theagasg ann an Gàidhlig agus Beurla agus tha an cleachdadh teagaisg ann an clasaichean Gàidhlig.

2.2.4. Tha Oilthigh Obar Dheadhain, ann an com-pàirteachas le Comhairle na Gàidhealtachd, air ceumannan cudromach a ghabhail airson duilgheadasan fastaidh luchd-teagaisg bunsgoile fhuasgladh, a tha a' gabhail a-steach luchd-teagaisg na Gàidhlig. Bhon t-seisean 2003-2004, bha Oilthigh Obar Dheadhain a' tabhann cùrsa dà bhliadhna pàirt-ùine air astar. Bidh ceathrar de na h-oileanaich a fhuair àite air a' chùrsa seo comasach air teagasg tro mheadhan na Gàidhlig nuair a thig iad a-mach mar luchd-teagaisg. Tòisichidh an cùrsa as ùr bhon Lùnastal 2005: tha mu 50% den chùrsa ga lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig agus bidh co-dhiù 50% den chleachdadh teagaisg ann an clasaichean meadhain Ghàidhlig.

2.2.5 Aig an àm seo, feumaidh na h-oileanaich air na cùrsaichean pàirt-ùine (sin, Obar Dheadhain) prìs an oideachaidh a phàigheadh iad fhèin. Bha a' Bhuidheann làidir den bheachd nach bu chòir seo a bhith agus gum bu chòir don Riaghaltas maoineachadh a lìbhrigeadh airson chùrsaichean pàirt-ùine, mar a nithear airson chùrsaichean làn-ùine.

2.2.6. Is e aon ghnè air leth brosnachail den dà chùrsa gu robh cuid den luchd-teagaisg anns na sgoiltean ag obair mar luchd-oideachaidh com-pàirt. Bidh iadsan a' teagasg a' chùrsa agus a' dèanamh measadh air na h-oileanaich cho math ri luchd-oideachaidh an Oilthigh. Gheibh a h-uile h-oileanach cleachdadh obrach ann an sgìre an ùghdarrais ionadail aca fhèin agus, a thaobh oileanaich PGDE (Bunsgoile), thathas a' gealltainn gu faigh iad obair dhearbhaidh ann an sgìre an ùghdarrais ionadail aca fhèin. Shaoil a' Bhuidheann gur e tionnsgnaidhean air leth gealltanach a bha anns na cùrsaichean seo agus gum bu chòir an cur air adhart, am brosnachadh agus an leasachadh. Bha a' Bhuidheann den bheachd gum bu chòir do Obar Dheadhain agus Srathchluaidh luchd-oideachaidh com-pàirt a chleachdadh còmhla anns na sgoiltean.

2.3 Meudachadh air na Sligheachan Ùra

2.3.1 Tha Srathchluaidh/ IMBOGE agus Obar Dheadhain airson na cùrsaichean air astar agus pàirt-ùine aca a chaidh a luaidh gu h-àird a mheudachadh. Chaidh cùrsa Shrathchluaidh/ IMBOGE a sgaoileadh gu Ìle anns an Lùnastal 2005 agus bidh Obar Dheadhain ga lìbhrigeadh cuideachd mar chùrsa pàirt-ùine airson teagasg àrdsgoile ann an com-pàirteachas le Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle nan Eilean Siar.

2.3.2 Chuir a' Bhuidheann fàilte air na tachartasan seo agus shaoil iad gur mathaid gu robh cothrom ann na sligheachan ùra seo a sgaoileadh do roinnean eile de dh'Alba far am b' fheàirrde daoine a bhith ag ionnsachadh faisg air an dachaigh aca no far am biodh cùrsaichean airson teagasg àrdsgoile feumail a thuilleadh air cùrsaichean bunsgoile.

2.3.3. Nuair a chuir Oilthigh Shrathchluaidh/ IMBOGE an cùrsa aca air bhog leig iad fios gum biodh an cùrsa ri fhaighinn tro cho-labhairt bhidio aig grunn cholaistean OGE agus ionadan foghlaim air feadh na Gaidhealtachd. Tha a' Bhuidheann den bheachd gu bheil cothrom ann inntrigeadh do na cùrsaichean seo a sgaoileadh do mhuinntir nam bailtean mòra agus don a h-uile h-ionad IMBOGE buntainneach, gu h-àraidh Sabhal Mòr Ostaig, Colaiste Bheinn na Faoghla, Colaiste Loch Abar agus Ionad Chaluim Chille ann an Ìle. Shaoil a' Bhuidheann gu h-àraidh gum bu chòir pàirt ghnìomhach a bhith aig Sabhal Mòr Ostaig ann an trèanadh luchd-teagaisg agus grunn leasachaidhean proifeiseanta co-cheangailte.

Molaidhean:

  • Bu chòir do chùrsa Shrathchluaidh/ IMBOGE a thabhann bho barrachd de na colaistean com-pàirteachaidh, gu h-àraidh Sabhal Mòr Ostaig, Colaiste Bheinn na Faoghla agus Colaiste Loch Abar. Bu chòir aire a thogail anns na raointean iomchaidh air cùrsaichean Shrathchluaidh/ IMBOGE mar shligheachan a-steach do theagasg.
  • Bu chòir do Oilthigh Obar Dheadhain an cùrsa pàirt-ùine air astar airson teagasg àrdsgoile a lìbhrigeadh do oileanaich air feadh na h-Alba.
  • Bu chòir do Roinn na h-Iomairt, na Còmhdhail agus Ionnsachaidh Fhad-beatha aig Riaghaltas na h-Alba ath-bhreithneachadh a dhèanamh cho luath 's a ghabhas air a' phoileasaidh aca a bhith ag iarraidh air oileanaich teagaisg pàigheadh airson chùrsaichean pàirt-ùine.
  • Bu chòir pàirt ghnìomhach a bhith aig Sabhal Mòr Ostaig ann an trèanadh luchd-teagaisg agus leasachadh proifeiseanta co-cheangailte.
  • Bu chòir dha a bhith na àrd phrìomhachas aig SFC taic a thoirt do thionnsgnaidhean ùra ann am foghlam luchd-teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig.
  • Bu chòir com-pàirteachas agus co-obrachadh nas fheàrr a bhith ann eadar luchd-solair Ciad Fhoghlam Luchd-teagaisg na Gàidhlig agus an luchd com-pàirt aca, gu h-àraidh a thaobh luchd-oideachaidh com-pàirt a chleachdadh còmhla.

« Previous | Contents | Next »

Page updated: Thursday, November 24, 2005