On this page:

Aithisg Buidhne-gnìomha Luchd-teagaisg tro Mheadhan na Gàidhlig

« Previous | Contents | Next »

Listen

Prìomh Mholaidhean

Tha feum air prìomh oifigear a chur an dreuchd airson adhartas a bhrosnachadh ann am fastadh luchd-teagaisg na Gàidhlig

  • Bu chòir oifigear fastaidh luchd-teagaisg na Gàidhlig a chur an dreuchd. Dh'fhaodadh an dreuchd leantainn dà bhliadhna, anns a' chiad dol a-mach, agus a bhith suidhichte ann am Bòrd na Gàidhlig, airson mòran de na gnìomhan ainmichte san Aithisg seo a cho-òrdanachadh.

Meudachadh nan sligheachan ùra airson dol a theagasg na Gàidhlig

  • Bu chòir cùrsa Shrathchluaidh/ IMBOGE (Institiùd nam Mile Bliadhna aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eileanan) a thabhann aig barrachd cholaistean com-pàirteachaidh, gu h-àraidh Sabhal Mòr Ostaig ( SMO), Colaiste Bheinn na Faoghla agus Colaiste Loch Abar. Bu chòir do Obar Dheadhain an solarachadh foghlaim air astar aca a mheudachadh le a bhith a' lìbhrigeadh prògram do luchd-teagaisg àrdsgoile. Bu chòir aire a thogail mun a h-uile cùrsa seo mar shligheachan a-steach do theagasg anns na raointean buntainneach.

Dèanamh às do phrìsean cùrsa airson oileanaich a' dèanamh chùrsaichean Ciad Fhoghlam Luchd-teagaisg pàirt-ùine

  • Bu chòir do Roinn na h-Iomairt, na Còmhdhail agus Ionnsachaidh Fhad-beatha aig Riaghaltas na h-Alba ath-bhreithneachadh a dhèanamh cho luath 's a ghabhas air a' phoileasaidh aca a bhith ag iarraidh air oileanaich teagaisg pàigheadh airson chùrsaichean pàirt-ùine.

Bu chòir Aithisg na Comhairle Teagaisg Choitcheann ( CTC) air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a chur an gnìomh

  • Bu chòir don CTC, an co-bhonn leis na dàmhan foghlaim, molaidhean na h-Aithisge 'Teagasg ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, Molaidhean airson Atharrachaidh' a chur an gnìomh.

Bu chòir do Bhòrd na Gàidhlig dèanamh cinnteach gun tèid solarachadh agus trèanadh luchd-teagaisg foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a chumail mar phrìomhachas

  • Bu chòir do Bhòrd na Gàidhlig dèanamh cinnteach gun tèid solarachadh agus trèanadh luchd-teagaisg foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a chumail mar phrìomhachas, agus follaiseach anns a' Phlana-chànain Nàiseanta Ghàidhlig agus an Roi-innleachd Nàiseanta airson Foghlam na Gàidhlig, a chaidh òrdachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.

Cùrsaichean foghlaim a chuidicheas oileanaich agus luchd-teagaisg

  • Bu chòir cùrsaichean cànain a lìbhrigeadh airson lochdan cànain oileanach agus luchd-teagasg fhuasgladh gus am faigh iad air dol air adhart do thrèanadh teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig no do theagasg.

A h-uile h-oileanach Gàidhlig ga s(h)uidheachadh ann an clasaichean Gàidhlig

  • Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba dèanamh cinnteach gun tèid a h-uile neach-teagaisg deuchainn meadhain Ghàidhlig a shuidheachadh ann an clasaichean Gàidhlig agus an £6000 de airgead tàlaidh a chleachdadh airson oileanaich a tharraing do na h-àiteachan aig a bheil prìomhachas, agus bu chòir do ùghdarrasan dèanamh cinnteach gu fuirich luchd-deuchainn ann an clasaichean meadhain Ghàidhlig.

Taic do luchd-teagaisg aig a bheil Gàidhlig gluasad do fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig

  • Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba taic a chumail ri leasachadh cùrsa Shabhail Mhòir Ostaig a chuidicheadh luchd-teagaisg gluasad do fhoghlam tro mheadhan an Gàidhlig, agus bu chòir seo fhosgladh do luchd-teagaisg bunsgoile.

Sligheachan àrdachadh dreuchd a stèidheachadh do luchd-teagaisg Gàidhlig Bunsgoile agus Àrdsgoile

  • Bu chòir do Ùghdarrasan Ionadail sligheachan àrdachadh dreuchd a stèidheachadh do luchd-teagaisg Gàidhlig bunsgoile agus àrdsgoile le a bhith a' beachdachadh orra airson dhreuchdan prìomh thidsearan agus ceannardan dhàmhan. Dh'fhaodadh na dreuchdan seo buntainn ri aon sgoil no grunn sgoiltean, a rèir na bha iomchaidh.

Taic do, agus leasachadh air, Cànan na Gàidhlig anns a' Bhunsgoil

  • Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba agus ùghdarrasan ionadail taic a thoirt do leasachadh chùrsaichean do luchd-teagaisg air Cànan na Gàidhlig sa Bhunsgoil aig Oilthigh Obar Dheadhain.

« Previous | Contents | Next »

Page updated: Thursday, November 24, 2005