« Previous | Contents | Next »
Listen
Ro-ràdh an Neach-cathrach
Tha e na thoileachas mhòr dhomh an Aithisg seo a chur air beulaibh Ministear an Fhoghlaim agus na h-Òigridh, Peadar Peacock, as leth buill na Buidhne. Bu toil leam cuideachd, as leth na ballrachd, taing a thoirt don Mhinistear airson a bhith taiceil an còmhnaidh do dh'fhoghlam na Gàidhlig agus airson iarraidh air a' Bhuidhinn seo molaidhean a dheasachadh a thaobh foghlam agus solarachadh luchd-teagaisg na Gàidhlig.
Tha e soilleir, ma tha leasachadh agus meudachadh a' dol a thighinn air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an siostam foghlaim na h-Alba, gum bi feum ann airson tuilleadh luchd-teagaisg. Chan eil teagamh sam bith nach eil fastadh agus solarachadh luchd-teagaisg foghlam tro mheadhan na Gàidhlig deatamach dha rìreabh ma tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a' dol a shoirbheachadh. Tha sinn den bheachd gu bheil seo cuideachd deatamach airson a' Ghàidhlig fhèin a chumail beò.
Feumar prìomh mholaidhean na h-Aithisge seo a chur an gnìomh cho luath 's a ghabhas. Ma nithear seo, tha sinne cinnteach gun urrainn do Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a mheudachadh anns a' bhunsgoil agus a leasachadh anns an àrdsgoil ann an dòigh nach do thachair roimhe. Mura tig luchd-teagaisg ùra don t-siostam dh'fhaodadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig sgur a dh'fhàs. Chan fhaod seo tachairt.
Bu mhath leam taing a thoirt do bhuill na Buidhne uile a bha cho fialaidh le an cuid tìde agus eòlais. Tha mise a' creidsinn gur e neart na h-Aithisge seo gu bheil i a' riochdachadh bheachdan luchd-foghlaim aig a bheil mion eòlas air agus dealas airson foghlam na Gàidhlig. Bu toil leam taing air leth a thoirt do Dhùbhghlas Ansdell agus Eòghan Stiùbhart, ar co-obraichean bho Riaghaltas na h-Alba, a rinn cinnteach gun deach an Aithisg againn a lìbhrigeadh ann an deagh àm. Choinnich a' Bhuidheann airson a' chiad uair sa Mhàrt agus is e dìcheall na Buidhne agus gu bheil, nar beachdsan, èiginn sa ghnothach an t-adhbhar a tha an Aithisg deiseil mar tha.
Tha mi an dòchas gur e buil na h-Aithisge seo gu faic sinn adhartas susbainteach ann an solarachadh luchd-teagaisg na Gàidhlig agus gu leig seo le foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a dhol am feabhas air feadh na h-Alba
Mata M MacÌomhair
Neach-clàraidh/Àrd-oifigear Comhairle Teagaisg
Choitcheann na h-Alba
« Previous | Contents | Next »