| Description | Making the difference: Parents' evenings - Information for parents - Gaelic version |
|---|
| ISBN | N/A |
|---|
| Official Print Publication Date | |
|---|
| Website Publication Date | March 11, 2005 |
|---|
Listen
A' dèanamh an diofar
Oidhcheannan Phàrant
pdf format (1.7Mb)
Tha oidhcheannan phàrant cudromach a chionn is gu bheil iad a' toirt dhuibh cothrom bruidhinn mu na tha an leanabh agaibh a' dèanamh anns an sgoil agus ciamar a tha iad a' faighinn air adhart. Faodaidh sibh cuideachd dèiligeadh ri cùisean sam bith a tha sibh airson a thogail ri neach-teagaisg an leanaibh agaibh, no gach neach-teagaisg cuspair ann an àrdsgoil. Mar sin, faodaidh oidhcheannan phàrant ur cuideachadh gus a dhol an sàs nas fheàrr ann an ionnsachadh an leanaibh agaibh. Tha iad gur cuideachadh gus taic mhath, phragtaigeach a thoirt don leanabh agaibh agus roghainnean a dhèanamh. An uair a tha sgoiltean agus pàrantan ag obair còmhla, tha clann a' dèanamh nas fheàrr.
Dè a tha a' dèanamh an diofar aig oidhcheannan phàrant?
Tha oidhcheannan phàrant a' toirt dhuibh cothrom ceistean fhaighneachd agus fiosrachadh a roinn mun leanabh agaibh agus an cuid ionnsachaidh. Faodaidh sibh an com-pàirteachas agaibh ri neachd-teagaisg an leanaibh agaibh a neartachadh. Tha seo a' cuideachadh an neach-teagaisg gus an leanabh agaibhse a chuideachadh.
Uaireannan faodaidh e a bhith duilich do phàrantan a bhith an làthair aig oidhcheannan phàrant airson grunn adhbharan. 'S dòcha gu bheil iad a' faireachdainn nach eil uine gu leòr aca còmhla ri neach-teagaisg an leanaibh aca. Tha mòran sgoiltean ag aithneachadh seo agus ag obair le pàrantan gus leasachadh a thoirt air rèiteachaidhean oidhcheannan phàrant gus a bheil a h-uile duine a' faighinn a' chuid as fheàrr asta.
Airson ur cuideachadh gus a dhol gu oidhcheannan phàrant, faodaidh sgoiltean: - crèche a thairgsinn far am faodar coimhead as dèidh clann nas òige
- fàilte a chur air caraid no neach a tha càirdeach gus a thighinn còmhla ribh, no fiosrachadh a thoirt dhuibh mu eadar-theangair
- amannan sònraichte a chur air dòigh gus am faigh sibh air àm freagarrach a chur ma seach gus coinneachadh ris an neach-teagaisg
- àm sònraichte a chur air dòigh ma tha duilgheadas agaibh a bhith an làthair air an latha
- fiathachadh a thoirt don leanabh agaibh a thighinn còmhla ribh gus am faod a h-uile duine a bhith an sàs anns a' chòmhradh
- dèanamh cinnteach gum faod sibh cuideachd bruidhinn ri luchd-obrach eile a tha eòlach air an leanabh agaibh
- eisimpleirean de dh'obair an leanaibh agaibh a thoirt dhuibh gus coimhead air fhad's a tha sibh a' feitheamh.
Nam faodadh gin sam bith de na beachdan seo ur cuideachadh, cuiribh fios chun na sgoile. |
Ciamar a gheibh sibh a' chuid as fheàrr à oidhcheannan phàrant?
Ma dh'fhaoidte gum faigh sibh aithisg sgoile an leanaibh agaibh dìreach ron oidhche phàrant. 'S math is fhiach an aithisg a leughadh, bruidhinn ris an leanabh agaibh mu deidhinn agus liosta de cheistean a dhèanamh a bhiodh sibh airson a chur air neach-teagaisg an leanaibh agaibh. Mar as trice bidh comhairle air choireigin anns an aithisg air dè an ath rud a nì an leanabh agaibh _ an t-earrann Ath Cheumannan. Faodaidh seo a bhith na dheagh bhunait airson còmhradh a dhèanamh mu adhartas agus coileanaidhean an leanaibh agaibh. Ma tha dad anns an aithisg nach eil sibh a' tuigsinn, faighnich do neach-teagaisg an leanaibh agaibh mu dheidhinn aig oidhche nam pàrant.
Cuid a cheistean a bhiodh sibh 's dòcha airson fhaighneachd. - A bheil an leanabh agam toilichte san sgoil?
- Dè cho math 's a tha an leanabh agam a' dol an sàs ann an gnìomhan clasa?
- Dè eile as urrainn dhuibh innse dhomh mu dheidhinn neartan an leanaibh agam agus mar a ghabhas an leasachadh?
- An urrainn dhuibh mìneachadh a thoirt air na bhios an leanabh agam a' dèanamh as dèidh seo?
- Dè as urrainn dhomh a dhèanamh gus an leanabh agam a chuideachadh aig an taigh?
|
Tha bruidhinn mu dheidhinn na rudan seo a' cuideachadh phàrantan agus luchd-teagaisg gus tuigse agus aonta a ruighinn mu na dreuchdan a dh'fhaodas a bhith aca.
Tha clann a' dèanamh nas fheàrr an uair a tha fiosrachadh mun ionnsachadh aca air a roinn eadar a h-uile duine a tha an sàs anns an fhoghlam aca. Faodaidh còmhradh mu na tha an leanabh agaibh a' dèanamh air taobh a-muigh na sgoile an neach-teagaisg a chuideachadh gus togail air an ionnsachadh sin san sgoil.
'S dòcha gum biodh sibh airson fiosrachadh a roinn air: - na h-ùidhean, cur-seachadan no na gnìomhan anns a bheil an leanabh agaibh an sàs
- mar a tha sibh a' faireachdainn a tha an leanabh agaibh a' dèiligeadh ri sgoil agus obair na sgoile
- draghan no duilgheadasan sònraichte sam bith dha bheil sibh air mothachadh
- atharrachaidhean ann an suidheachadh teaghlaich.
|
Faodaidh e a bhith cuideachail fiosrachadh a chumail ri neach-teagaisg an leanaibh agaibh mu na tha a' tachairt air taobh a-muigh na sgoile, ach cha leig sibh a leas dad a bharrachd de dh'fhiosrachadh a thoirt seachad seach na tha sibh deònach.
Mar sin, le bhith a' dol gu oidhcheannan phàrant faodaidh sibh fìor dhiofar a dhèanamh ri ionnsachadh an leanaibh agaibh. Tha oidhcheannan phàrant gur cuideachadh gus pàirt ghnìomhail a ghabhail ann a bhith a' còmhradh mu adhartas an leanaibh agaibh. Cuiridh an sgoil luach air na beachdan agaibh agus faodaidh sibhse molaidhean pragtaigeach a thogail mu ciamar a thèid agaibhse air cuideachadh aig an taigh.
Na tha pàrantan ag ràdh mu dheidhinn oidhcheannan phàrant...
"'S e cothrom a th' ann faicinn cò ris a tha an luchd-teagaisg coltach."
"Tha sinn am beachd faighinn a-mach ciamar a tha an leanabh againn a' dèanamh agus ciamar a thèid againn air cuideachadh."
"'S e a' phrìomh chothrom faicinn dè dha-rìreabh a tha a' dol air adhart."
Na tha luchd-teagaisg ag ràdh...
"Tha e gad chuideachadh gus na sgoilearan agad fhaicinn ann an co-theacsa _ cò ris a tha iad coltach air taobh a-muigh na sgoile."
"Tha thu ag ionnsachadh rudan mu dheidhinn nan sgoilearan agad a tha cuideachail anns an t-seòmar-teagaisg."
"Tha pàrantan agus luchd-teagaisg ag obrachadh còmhla ... a' toirt a' chuid as fheàrr às a' chloinn."

Dualan agus ceangalaichean feumail
Parentzone -www.parentzonescotland.gov.uk
BBC Parents -www.bbc.co.uk/schools/parents
Parents Online -www.parentsonline.gov.uk
ParentLine Scotland
Fòn: 0808 800 2222 www.parentlinescotland.org.uk
One Parent Families Scotland
13 Ceàrnag Gayfield, Dùn Èideann EH1 3NX
Fòn: 0800 018 5026 www.opfs.org.uk
Parent Network Scotland
Fòn: 0131 555 6780 www.parentnetworkscotland.org.uk
Enquire (An t-seirbheis comhairleachaidh Albannach airson taic a bharrachd airson ionnsachadh)
Loidhne-cuideachaidh: 0845 123 23 03 Fòn-teacsa: 0131 222 2439 www.enquire.org.uk
'S e seo an treas fear ann an sreath leabhrain. Tha e a' comharrachadh an fhìor dhiofar a dh'fhaodas agus a tha pàrantan a' dèanamh ann an ionnsachadh an cuid chloinne. Còmhla ri comhairle ionadail a bhitheas agaibh air na rèiteachaidhean pragtaigeach ann an sgoil an leanaibh agaibh, tairgidh an t-sreath seo fiosrachadh dhuibh a leigeas leibh a dhol an sàs nas fheàrr ann am foghlam an leanaibh agaibh. Tha leabhrain eile air Obair-dachaigh agus Roinneadh Fiosrachaidh foillsichte mar-thà. Tha an t-sreath seo cuideachd a' toirt a-steach stuthan airson sgoiltean agus luchd-teagaisg air na cuspairean seo.
Ma tha sibh airson fios a leigeil thugainn, no cuspairean a mholadh airson leabhrain san àm ri teachd, feuch gun tadhail sibh air www.parentzonescotland.gov.uk. Bidh an leabhran seo ri fhaotainn ann an cànanan coimhearsnachd agus riochdan eadar-dhealaichte bho sgoil an leanaibh agaibh agus an làrach-lìn aig Parentzone.
Chaidh an t-sreath seo a dheasachadh ann an com-pàirt ri Aonad Càileachd ann am Foghlam
(Oilthigh Strathchluaidh) agus Clann ann an Alba.
Thathar a meas gu bheil an t-eadar-theangachadh seo na riochdachadh cuimseach dhen tùs-sgrìobhainn