| Description | Making the difference: Sharing information - Information for parents - Gaelic version |
|---|
| ISBN | N/A |
|---|
| Official Print Publication Date | |
|---|
| Website Publication Date | March 11, 2005 |
|---|
Listen
A' dèanamh an diofar
A' roinneadh fiosrachadh
pdf format (1.7Mb)
An uair a tha sgoiltean, pàrantan agus luchd-cùraim a' roinn fiosrachadh, tha fìor dheagh thuigse aig a h-uile duine a thaobh ciamar a thèid aca air clann a chuideachadh gus ionnsachadh. Mar as fheàrr am fiosrachadh a gheibh sibh agus mar as motha de dh'fhiosrachadh a thèid agaibh air a roinn ris an sgoil, 's ann as fheàrr a thèid agaibh air taic a chumail ri ionnsachadh an leanaibh agaibh - agus tha an aon rud fìor mun sgoil. Tha e dha-rìreabh a' cuideachadh an leanaibh agaibh a bhith a' faireachdainn misneachail agus toilichte, agus tha e a' leasachadh nan cothroman soirbheachais aca.
Dè an diofar a tha roinneadh fiosrachaidh a' dèanamh?
'S ann agaibhse a tha an t-eòlas as fheàrr air an leanabh agaibh. Tha roinneadh fiosrachaidh a' leigeil leibhse, ur leanabh agus an sgoil obrachadh còmhla gu dlùth mar chom-pàirtichean ann am foghlam an leanaibh agaibh. Faodaidh e: - cuideachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil sibh a' faireachdainn gu bheil fàilte ga chur oirbh san sgoil aig gach àm
- dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh agaibh uile a tha sibh ag iarraidh aig an àm cheart, anns an dòigh cheart agus leis an t-seòrsa fiosrachaidh a tha a dhìth oirbh
- fiosrachadh soilleir, feumail a thoirt dhuibh air raon farsaing de dh'obair na sgoile
- dèanamh cinnteach gu bheil cothroman gu leòr agaibh gus cluinntinn mu adhartas an leanaibh agaibh agus ur beachdan a thoirt seachad
- ur cuideacadh gus ùidh ghnìomhail a ghabhail ann an ionnsachadh an leanaibh agaibh agus molaidhean pragtaigeach a thoirt dhuibh mu ciamar as urrainn dhuibh taic a chumail ris an leanabh agaibh
- ur brosnachadh gus a dhol an sàs gu ìre nas motha agus ur sgilean a roinn ann am beatha agus obair na sgoile
- a dhèanamh nas fhasa dhuibhse agus don sgoil draghan a thogail gu sgiobalta agus an rèiteach aig ìre thràth.
|
Dè an seòrsa fiosrachaidh a dh'fhaodadh pàrantan a roinn ris an sgoil?
Faodaidh e a bhith cuideachail fiosrachadh a chumail ris an sgoil mu iomadach rud as aithne dhuibh mu dheidhinn an leanabh agaibh agus na tha iad a' dèanamh air taobh a-muigh na sgoile. Thèid aig luchd-teagaisg air togail air na h-eòlasan agus na sgilean as fharsainge aig an leanabh agaibh an uair a tha iad anns an sgoil.

Dè an seòrsa conaltraidhean a tha a' cuideachadh?
Faodaidh rèiteachaidhean matha airson roinneadh fiosrachaidh cuideachadh gus faighinn seachad air na duilgheadasan agus na dùbhlain a tha fa chomhair phàrantan, leithid: - dìth ùine airson tadhal air an sgoil, mar eisimpleir, air sàilleabh uallaichean obrach no teaghlaich
- dìth misneachd, 's dòcha air sàilleabh a' chuspair, an ìre ionnsachaidh no cuimhneachain air na làithean sgoile aca fhèin
- a bhith a' mìneachadh nan eadar-dhealachaidhean cultarail agus cànain aca.
|
Gu math tric tha sgoiltean agus pàrantan a' mothachadh gu bheil raon de dhòighean airson fiosrachadh a roinn ga dhèanamh nas fhasa do phàrantan faighinn a-mach dè a tha a' dol agus ceangal a chumail suas.

Ma tha beachdan no smuaintean agaibh mun chàileachd fiosrachaidh a tha sibh a' faighinn bho sgoil an leanaibh agaibh, no ma tha dad sam bith ann nach eil sibh cinnteach às no nach eil sibh a' tuigsinn, innsibh don sgoil. Cuidichidh buidheann phàrant ann an sgoil an leanaibh agaibh leithid Comann Phàrant agus Luchd-teagaisg cuideachd gus com-pàirteachasan dachaigh-sgoile a bhrosnachadh. Bhiodh e inntinneach na beachdan agaibh a chluinntinn. Tha sgoiltean feumach air fiosrachadh fhaighinn air ais bho phàrantan gus am bi fios aca co dhiubh a tha na siostaman conaltraidh aca ag obrachadh gu math no ciamar a ghabhas an leasachadh. Faodaidh sibhse an cuideachadh gus an cuid fiosrachaidh a dhèanamh nas càirdeile airson pàrantan.
Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh mu chom-pàirteachasan matha dachaigh-sgoile, no air rud sam bith a' buntainn ri foghlam Albannach, air Parentzone. www.parentzonescotland.gov.uk
Dualan agus ceangalaichean feumail
Parentzone -www.parentzonescotland.gov.uk
BBC Parents -www.bbc.co.uk/schools/parents
Parents Online -www.parentsonline.gov.uk
ParentLine Scotland
Fòn: 0808 800 2222 www.parentlinescotland.org.uk
One Parent Families Scotland
13 Ceàrnag Gayfield, Dùn Èideann EH1 3NX
Fòn: 0800 018 5026 www.opfs.org.uk
Parent Network Scotland
Fòn: 0131 555 6780 www.parentnetworkscotland.org.uk
Enquire (An t-seirbheis chomhairleachaidh Albannach airson taic a bharrachd airson ionnsachadh)
Loidhne-cuideachaidh: 0845 123 23 03
Fòn-teacsa: 0131 22 22 439 www.enquire.org.uk
'S e seo an dara fear ann an sreath leabhrain. Tha e a' comharrachadh an fhìor dhiofar a dh'fhaodas agus a tha pàrantan a' dèanamh ann an ionnsachadh an cuid chloinne. Còmhla ri comhairle ionadail a bhitheas agaibh air na rèiteachaidhean pragtaigeach ann an sgoil an leanaibh agaibh, tairgidh an t-sreath seo fiosrachadh dhuibh a leigeas leibh a dhol an sàs nas fheàrr ann am foghlam an leanaibh agaibh. Tha leabhrain eile air Obair-dachaigh agus Oidhcheannan Phàrant foillsichte mar-thà. Tha an t-sreath seo cuideachd a' toirt a-steach stuthan airson sgoiltean agus luchd-teagaisg air na cuspairean seo.
Ma tha sibh airson fios a leigeil thugainn, no cuspairean a mholadh airson leabhrain san àm ri teachd, feuch gun tadhail sibh air www.parentzonescotland.gov.uk . Bidh an leabhran seo ri fhaotainn ann an cànanan coimhearsnachd agus riochdan eadar-dhealaichte bho sgoil an leanaibh agaibh agus an làrach-lìn aig Parentzone.
Chaidh an t-sreath seo a dheasachadh ann an com-pàirt ri Aonad Càileachd ann am Foghlam (Oilthigh Strathchluaidh) agus Clann ann an Alba.
Thathar a meas gu bheil an t-eadar-theangachadh seo na riochdachadh cuimseach dhen tùs-sgrìobhainn