On this page:

Bile na Gaidhlig Paipear Comhairleachaidh

« Previous | Contents |

Listen

Bile na Gaidhlig
Paipear Comhairleachaidh

Earrann 8: Mar Bu Chòir Ur Beachdan a Leigeil Ris

Sa Phàipear Co-chomhairleachaidh seo tha iomadh Puing Conaltraidh air an sònrachadh agus tha iad air an liostadh gu h-ìosal airson a dhèanamh nas fhasa - tha sinn airson ur beachdan fhaighinn air na ceistean sin. Na bithibh a' faireachdainn gum feum sibh a h-uile puing a fhreagairt no a bhith a' faireachdainn cuibhrichte aig na ceistean suidhichte. Ma bhios sibh airson beachd a thoirt mu phàirt sam bith eile de na molaidhean, bhiodh sinn toilichte ur beachdan a chluinntinn.

Bidh an ùine co-chomhairleachaidh a' ruith bho 10 Dàmhair 2003 gu 9 Faoilleach 2004. An dèidh seo, bidh Ministearan na h-Alba a' beachdachadh mu dè na h-atharrachaidhean a bu chòir an dèanamh ris an dreachd Bhile mus bi e air a thoirt a-steach do Phàrlamaid na h-Alba. Tha sinn a' sùileachadh gum bi am Bile air a thoirt a-steach don Phàrlamaid ann an samhradh 2004.

CEISTEAN

Ceist a h-Aon

A bheil e ceart gum biodh àite aig a' Ghàidhlig mar aon de chànainean na h-Alba ann an reachdas?


Ceist a Dhà

Am bu chòir na dreuchdan air an sònrachadh ann an earrann 1 den dreachd Bhile a bhith aig Bòrd na Gàidhlig?


Ceist a Trì

Am bu chòir na riatanasan ann an earrannan 2 gu 3 den dreachd Bhile a bhith air an cur air Bòrd na Gàidhlig?


Ceist a Ceithir

Am bu chòir na h-ùghdarrasan ann am pàipear-taice 1, paragraf 11 den dreachd Bhile a bhith air an toirt do Bhòrd na Gàidhlig?


Ceist a Còig

A bheil nithean eile seach na tha an earrann 5(5) den dreachd Bhile, dham bu chòir buidhnean poblach aire a thoirt ann an co-dhùnadh am bu chòir dhaibh plana-cànain Gàidhlig ullachadh?


Ceist a Sia

Am bu chòir riatanas a chur air buidhnean poblach a bhith a' beachdachadh a bheil e iomchaidh plana-cànain Gàidhlig ullachadh agus fhoillseachadh a' mìneachadh am poileasaidhean agus nan seirbheisean a bhios iad a' tabhann sa Ghàidhlig?


Ceist a Seachd

Am bu chòir don Bhile dleastanas a chur air Bòrd na Gàidhlig a bhith a' cuideachadh agus a' comhairleachadh buidhnean poblach ann an ullachadh planaichean-cànain Gàidhlig?


Ceist a h-Ochd

Am bu chòir don Bhile riatanas a chur air Bòrd na Gàidhlig a bhith ag ullachadh stiùireadh mu planadh cànain Gàidhlig?


Ceist a Naoi

Am bu chòir dleastanas a bhith aig Bòrd na Gàidhlig ann an comhairleachadh ùghdarrasan foghlaim agus Riaghaltas na h-Alba mu phlanaichean airson Foghlam meadhan-Gàidhlig a' sruthadh bho Achd 2000?


Ceist a Deich

A bheil sibh airson beachd a thoirt air nithean sam bith eile ann an dreachd Bhile na Gàidhlig?

Cuiribh ur freagairtean chun an t-seòladh a leanas ro 9 Faoilleach 2004, no cleachd an goireas freagairt eadar-lìn a gheibhear aig www.scotland.gov.uk/gaelicbill agus www.scotland.gov.uk/bilenagaidhlig .

Roinn 1-A
An t-Aonad Gàidhlig
Spòrs, na h-Ealain & Cultar, SEED
Cidhe Bhictòria
Dùn Èideann EH6 6QQ
Post-dealain: gaelicbill@scotland.gsi.gov.uk no bilenagaidhlig@scotland.gsi.gov.uk
Fòn: 0131 244 4942
Facs: 0131 244 0353

Dìomhaireachd

Bidh lethbhric den h-uile freagairt a thig a-steach air an cur ann an leabharlann an Riaghaltais agus bidh iad rim faotainn leis a' phoball. Bidh freagairtean cuideachd rim faotainn leis a' phoball aig làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba. Dh'fhaodadh am beachd a chuireas luchd-freagairt an cèill cuideachd a bhith air a thogail no iomradh a thoirt air ann an ath-bhreithneachadh fhreagairtean sam bith ri teachd. Mur h-eil sibh airson ur freagairtean a dhèanamh follaiseach, dèanaibh cinnteach gun dèan sibh soilleir gum feumar dèiligeadh ri ur freagairt gu lèir no pàirt dheth ann an dìomhaireachd. Bidh gach urram air a chur air dìomhaireachd. Bidh sinn fhathast a' cunntadh freagairtean dìomhair ann am mion-sgrùdadh mu àireamhan sam bith agus thèid aire a thoirt do na beachdan agaibh co-ionann ri freagairtean neo-dhìomhair.

Foillseachadh dealanach agus lethbhric a bharrachd

Tha an leabhran seo ri fhaotainn tron eadar-lìon aig: http://www.scotland.gov.uk/gaelicbill agus www.scotland.gov.uk/bilenagaidhlig . Tha lethbhric a bharrachd den phàipear co-chomhairleachaidh seo rim faotainn bhon t-seòladh gu h-àird.

« Previous | Contents |

Page updated: Wednesday, May 24, 2006