« Previous | Contents | Next »
Listen
Bile na Gaidhlig
Paipear Comhairleachaidh
Earrann 7: Foghlam
Ann an 1872 nuair a chaidh Achd an Fhoghlaim (Alba) aontachadh bha an àireamh-sluaigh le Gàidhlig mu 250,000. Cha robh ullachadh sam bith san Achd seo airson na Gàidhlig. A dh'aindeoin iomadh iarrtas agus beagan ceadachaidh b' ann còrr agus 100 bliadhna an dèidh sin a bha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ri fhaotainn agus aig an ìre seo bha an Cunntas-sluaigh a' clàradh crìonadh ann an sluagh na Gàidhlig gu nas ìsle na 80,000.
Bho 1986 tha foghlam meadhan-Gàidhlig air fàs cumanta agus soirbheachail. A dh'aindeoin sin tha a' choimhearsnachd Ghàidhlig air a bhith ga shaoilsinn lag agus so-leònta. Tha beachd làidir bhon choimhearsnachd Ghàidhlig gu bheil foghlam meadhan-Gàidhlig riatanach don chànan an Alba san àm ri teachd. Tha an Riaghaltas den aon bheachd. Aig an àm a tha làthair, tha ullachadh mar as roghnach le ùghdarrasan ionadail agus tha taic bhon Riaghaltas ri fhaotainn tro thabhartas sònraichte.
Shuidhich Achd 2000 Inbhean ann an Sgoiltean na h-Alba msaa riatanasan ùra do ùghdarrasan foghlaim a bhith a' planadh airson agus a' toirt leasachadh air foghlam sgoile agus tha ullachadh sònraichte innte co-cheangailte ri foghlam meadhan-Gàidhlig. Tha Achd 2000 a' comharrachadh trì cuspairean sònraichte ris am feumar dèiligeadh ann an cunntas air amasan leasachaidh bliadhnail an ùghdarrais foghlaim, agus cuideachd sna h-aithisgean air adhartas bliadhnail aca. 'S e aon dhiubh sin:
'na dòighean no na suidheachaidhean anns am bi iad a' tabhann foghlam meadhan-Gàidhlig agus, far a bheil iad a' tabhann foghlam meadhan-Gàidhlig, ... na dòighean anns am bi iad a' feuchainn ris an ullachadh aca airson foghlam leithid sin a leasachadh.'
Feumaidh cunntasan air amasan leasachaidh bliadhnail agus aithisgean air adhartas bho ùghdarras cuideachd aire a thoirt do na Prìomh-amasan Nàiseanta ann am Foghlam. Tha iad sin a' gabhail a-staigh aire shònraichte a thoirt 'do Gàidhlig agus mion-chànainean eile'. Tha na comharran coileanaidh airson nam Prìomh-amasan Nàiseanta a chaidh fhoillseachadh fo Achd 2000 a' gabhail a-staigh an àireamh agus ìre sa cheud de iarrtasan sgrìobhte airson foghlam meadhan-Gàidhlig a choilean an t-ùghdarras.
'S e dleastanasan cudthromach a tha an sin air ùghdarrasan foghlaim agus bha iad dealbhte gu sònraichte gus àite a thoirt do mheadhan-Gàidhlig agus misneachd airson a leasachadh. 'S ann dìreach sna beagan mhìosan a dh'fhalbh a bha e comasach don Riaghaltas tòiseachadh a' measadh buaidh Achd 2000 tron chiad sheata chunntasan bho ùghdarrasan ionadail mu na planaichean leasachaidh aca.
Fhuair grunn ùghdarrasan ionadail air cunntas a thoirt air comas coinneachadh ris a h-uile no fìor mhòr-chuid de iarrtasan phàrant airson foghlam meadhan-Gàidhlig agus tha mòran ùghdarrasan air am frèam leasachaidh a chleachdadh airson beachdan agus poileasaidhean mu thimcheall foghlam meadhan-Gàidhlig a leasachadh. A dh'aindeoin sin, tha an Riaghaltas a' faireachdainn gum faodadh mòran ùghdarrasan foghlaim tuilleadh leasachaidh a dhèanamh air a' bheachdachadh poileasaidh aca mu mheadhan-Gàidhlig.
Mar sin, dh'fhoillsich Peadar Peacock MSP, Ministear an Fhoghlaim agus an Òigridh air 16 Sultain, am bliadhna, gum bi an t-ullachadh reachdail a tha ann air a chleachdadh airson foghlam Gàidhlig an Alba a neartachadh. An toiseach, dh'iarr e air na h-Oifigearan Roinne aige dèanamh cinnteach ann a bhith a' toirt fios air ais mu na planaichean leasachaidh aca, gum biodh na dleastanasan a tha a' sruthadh bho Achd 2000 an co-cheangal ri foghlam meadhan-Gàidhlig air an cur an cuimhne ùghdarrasan foghlaim gu soilleir. Tha e a' làn shùileachadh gum bu chòir do ùghdarrasan foghlaim cunntas iomlan a thoirt airson nan ullachaidhean sin taobh a-staigh am frèam dealbhaidh. 'S e gnìomh shònraichte ris am bu chòir dèiligeadh taobh a-staigh na frèam poileasaidh gum bi ùghdarrasan a' dèanamh soilleir na stairsnichean ris am bi iad a' measadh iarrtas phàrant airson meadhan-Gàidhlig taobh a-staigh na sgìre aca.
San dara àite, dh'iarr e air Bòrd na Gàidhlig agus a' Bhuidheann Ath-bhreithneachadh Luchd-stiùiridh airson ùghdarrasan ionadail fo-bhuidheann coitcheann a stèidheachadh gus ath-bhreithneachadh a dhèanamh air a' chomharra coileanaidh airson Gàidhlig taobh a-staigh na frèam phrìomh-amasan nàiseanta. Thèid iarraidh air an fho-bhuidheann leasachaidhean a mholadh a tha iad a' creidsinn a bheir taic do thomhas nas fheàrr den bhuil-coileanaidh airson sgoilearan meadhan-Gàidhlig.
Tha e fhathast ro thràth sa phlanadh leasachaidh ùr a' sruthadh bho Achd 2000 agus chan eil glè fhada bho chaidh measadh a dhèanamh air a' chiad phlanaichean bho ùghdarrasan foghlaim. A dh'aindeoin sin, tha Achd 2000 a' toirt ùghdarras do Mhinistearan na h-Alba gus tuilleadh stiùiridh a chur a-mach gu ùghdarrasan foghlaim an co-cheangal ri foghlam meadhan-Gàidhlig dham feum iad aire a thoirt. Rinn Ministear an Fhoghlaim agus an Òigridh soilleir nach eil teagamh sam bith nach cleachd an Riaghaltas a h-ùghdarras airson stiùireadh mar sin air foghlam Gàidhlig fhoillseachadh ma bhios tuilleadh leasachaidh air planaichean leasachaidh ùghdarras foghlaim a' sealltainn gu bheil feum air.
Cuideachd, tha am Ministear air sealltainn gu bheil e deònach iarraidh air Bòrd na Gàidhlig a bhith a' comhairleachadh ùghdarrasan foghlaim ann an leasachadh planaichean meadhan-Gàidhlig fo chumhachan Achd 2000 agus a' cuideachadh an Riaghaltais ann am measadh nam planaichean sin, ma chithear gum bi sin feumail.
Ceist a Naoi Am bu chòir dleastanas a bhith aig Bòrd na Gàidhlig ann an comhairleachadh ùghdarrasan foghlaim agus Riaghaltas na h-Alba mu phlanaichean airson Foghlam meadhan-Gàidhlig a' sruthadh bho Achd 2000? |
Ceist a Deich A bheil sibh airson beachd a thoirt air nithean sam bith eile ann an dreachd Bhile na Gàidhlig? |
« Previous | Contents | Next »