« Previous | Contents | Next »
Listen
Bile na Gaidhlig
Paipear Comhairleachaidh
Earrann 6: Planaichean-cànain Gàidhlig
Tha an dleastanas a bhith a' beachdachadh mu phlanaichean-cànain Gàidhlig, agus gam misneachadh do bhuidhnean poblach, na cheum prataigeach gus cleachdadh agus ìomhaigh na Gàidhlig a mheudachadh. Tha seo co-ionann ris an dòigh-obrachaidh ann an Achd na Cuimris 1993, agus o chionn ghoirid ann an Achd Co-ionannachd Cànan Oifigeil Phoblachd na h-Èireann 2003.
Thathar an dùil gun ceartaicheadh seo ìomhaigh lag na Gàidhlig ann am beatha phoblach agus oifigeil na h-Alba a tha a' leantainn gu daoine gun Ghàidhlig agus luchd-labhairt a' ceasnachadh a luach. Cuiridh planaichean Gàidhlig do bhuidhnean poblach ri seasmhachd na Gàidhlig san àm ri teachd, a' misneachadh agus a' brosnachadh cothroman airson a bhith ga cleachdadh agus a' togail misneachd luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh. 'S e adhbhar plana-cànain barrachd comais
a thoirt don phoball a bhith a' cleachdadh na Gàidhlig, barrachd chòraichean do luchd-labhairt Gàidhlig air a' chànan a chleachdadh ann an raon nas fharsainge de shuidheachaidhean agus ìomhaigh nas fheàrr don chànan adhartachadh.
Tha earrann 5 (1) gu (7) a' cur riatanas air buidhnean poblach an Alba co-dhùnadh a bheil e iomchaidh planaichean-cànain Gàidhlig ullachadh, fhoillseachadh agus a bhuileachadh an co-cheangal ri na seirbheisean a tha iad a' tabhann agus na dleastanasan a tha iad a' coileanadh. Ann an dèanamh a' cho-dhùnaidh seo bu chòir do bhuidhnean poblach aire a thoirt do na nithean air an liostadh ann an earrann 5(5). Tha iad sin a' gabhail a-staigh an àireamh de luchd-labhairt Gàidhlig a tha a' cleachdadh nan seirbheisean a tha iad a' tabhann, b' e seo prìomh iomagain a thog Comataidh an Fhoghlaim, a' Chultair agus an Spòrs ann am beachdachadh nas tràithe air a' bhliadhna seo mun Bhile Bhall. Bu chòir do bhuidhnean poblach cuideachd aire a thoirt do ìmpidhean a chaidh a chur orra mu chleachdadh na Gàidhlig an co-cheangal rin dreuchdan agus do stiùireadh bho Bhòrd na Gàidhlig no Ministearan na h-Alba.
Tha an t-ullachadh an earrann 5 (7) ag ràdh gum feum buidheann na ceuman a tha air an comharrachadh sa phlana aca a bhuileachadh. Tha earrann 6 a' toirt tuilleadh fiosrachaidh mu dhleastanasan Mhinistearan, bhuidhnean poblach agus Bòrd na Gàidhlig ann an ullachadh planaichean-cànain Gàidhlig.
Ceist a Còig A bheil nithean eile seach na tha an earrann 5(5) den dreachd Bhile, dham bu chòir buidhnean poblach aire a thoirt ann an co-dhùnadh am bu chòir dhaibh plana-cànain Gàidhlig ullachadh? |
Tha an t-ullachadh an Earrann 5 (2) ag ràdh ma tha buidheann poblach a' faicinn gu bheil plana riatanach gum bu chòir dha a bhith air ullachadh taobh a-staigh dà bhliadhna. Bu chòir am plana ath-bhreithneachadh co-dhiù a h-uile còig bliadhna
Bidh e comasach do chuid de bhuidhnean poblach co-dhùnadh nach eil plana-cànain Gàidhlig riatanach. Thèid iarraidh air buidhnean poblach a tha air co-dhùnadh gu bheil plana neo-riatanach, an co-dhùnadh sin innse do Bhòrd na Gàidhlig, agus an co-dhùnadh ath-bhreithneachadh taobh a-staigh còig bliadhna. Mur h-eil am Bòrd riaraichte le na h-adhbharan sin faodaidh iad seo innse do Mhinistearan na h-Alba. Tha ullachadh ann an Earrann 7 (1) gu (5) airson ath-bhreithneachadh agus atharrachadh plana-cànain Gàidhlig. Bu chòir cunntas adhartais air planadh cànain a bhith san Aithisg a tha air iarraidh bho Bhòrd na Gàidhlig le Ministearan na h-Alba ann am pàipear-taice 1, paragraf 9.
Ceist a Sia Am bu chòir riatanas a chur air buidhnean poblach a bhith a' beachdachadh a bheil e iomchaidh plana-cànain Gàidhlig ullachadh agus fhoillseachadh a' mìneachadh am poileasaidhean agus nan seirbheisean a bhios iad a' tabhann sa Ghàidhlig? |
Bidh an dleastanas air Bòrd na Gàidhlig a bhith a' cuideachadh bhuidhnean poblach ann an ullachadh am planaichean fo earrann 3(5) den dreachd Bhile. Bidh an dleastanas air Bòrd na Gàidhlig cuideachd a bhith ag ullachadh stiùireadh mu phlanadh cànain Gàidhlig do bhuidhnean poblach an Alba. Feumar an stiùireadh seo a chur a-steach gu Ministearan na h-Alba airson aonta mus tèid fhoillseachadh.
Bidh riatanas air buidhnean poblach aire a thoirt don stiùireadh seo ann an gabhail os làimh an dleastanasan fon Achd seo. Shònraicheadh an stiùireadh seo na cùisean agus slatan-tomhais iomchaidh dham bu chòir buidheann poblach aire a thoirt ann an dèanamh a' cho-dhùnaidh seo, a' gabhail a-staigh, mar eisimpleir, an co-roinn de luchd-labhairt Gàidhlig, luach foghlaim agus buannachdan turasachd. Bhiodh stiùireadh air structair phlanaichean air ullachadh cuideachd. Dh'fhaodadh eisimpleirean deagh chleachdadh a bhith air an gabhail a-staigh cuideachd.
Bheir na molaidhean sin prìomh àite do Bhòrd na Gàidhlig ann am planadh cànain Gàidhlig agus bu chòir dha cuideachd misneachd a thoirt do bhuidhnean poblach gum bi dòigh-obrachaidh chothromach air a cumail mun stiùireadh. Ann a bhith ag aontachadh ris an stiùireadh nì na Ministearan cinnteach nach bi na riatanasan planadh cànain a chuirear air buidhnean poblach a' ciallachadh gum bi rianachail doighean-obrach anabarrach a' tighinn orra. Ann an ullachadh a' phlana-cànain nàiseanta Gàidhlig agus an stiùireadh do bhuidhnean poblach, tha am Bile cuideachd a' moladh gum bu chòir do Bhòrd na Gàidhlig co-chomhairle a chur ris a h-uile com-pàirtiche buntainneach. Tha na buidhnean poblach ris a bheil earrannan 5 gu 8 a' buntainn air an liostadh ann am pàipear-taice 2. Tha Earrannan 5 gu 8 a' buntainn ri Alba gu lèir, agus chan eil iad air an cuingealachadh ri ceàrnaidhean sònraichte.
Ceist a Seachd Am bu chòir don Bhile dleastanas a chur air Bòrd na Gàidhlig a bhith a' cuideachadh agus a' comhairleachadh bhuidhnean poblach ann an ullachadh planaichean-cànain Gàidhlig? |
Ceist a h-Ochd Am bu chòir don Bhile riatanas a chur air Bòrd na Gàidhlig a bhith ag ullachadh stiùireadh mu phlanadh cànain Gàidhlig? |
« Previous | Contents | Next »