« Previous | Contents | Next »
Listen
Bile na Gaidhlig
Paipear Comhairleachaidh
Earrann 5: Bòrd na Gàidhlig
Mhol Aithisg Mhic a' Phearsain agus Aithisg Meek stèidheachadh buidheann leasachaidh Gàidhlig mar aonad bheag ro-innleachdail aig am bi pàirt cudthromach ann an leasachadh Gàidhlig. Tha an Riaghaltas air dèanamh a rèir a' mholaidh seo mar-thà. Chaidh Bòrd na Gàidhlig a stèidheachadh sa Ghiblean 2003 mar Buidheann Phoblach Neo-roinneil an Riaghaltais. Tha e stèidhichte mar chompanaidh earranta le barrantas, le Meòrachan agus Artaigilean Companaidh.
Rinn Aithisg Comataidh an Fhoghlaim, a' Chultair agus an Spòrs san t-seisean mu dheireadh den Phàrlamaid, a' phuing a leanas.
' . . . leis an fhìor làn fhianais a' toirt taic do stèidheachadh Bòrd na Gàidhlig gu foirmeil, tha a' Chomataidh a' moladh gun rannsaich an Riaghaltas stèidheachadh Bòrd na Gàidhlig ann an reachdas agus soilleireachadh air a dreuchdan agus dleastanasan'.
Tha na molaidhean a tha san dreachd Bhile a' cur a' Bhùird air stèidh reachdail agus cuideachd a' toirt àite cudthromach dha an co-cheangal ri leasachadh Gàidhlig agus planadh-cànain.
Tha am Bile a' moladh na dreuchdan coitcheann a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig a bhith ag adhartachadh cleachdadh na Gàidhlig (earrann 1(2)(a)), agus a bhith a' comhairleachadh Mhinistearan na h-Alba air nithean co-cheangailte ri cànan agus cultar na Gàidhlig (earrann 1(2)(b)). Tha na dreuchdan sin ri bhith air an coileanadh le sùil ri inbhe fhaighinn don Ghàidhlig mar aon de chànainean na h-Alba. Bidh e na riatanas air Bòrd na Gàidhlig cuideachd plana nàiseanta a dhèanamh don Ghàidhlig agus stiùireadh ullachadh do bhuidhnean poblach mu phlanadh-cànain Gàidhlig.
Ceist a Dhà Am bu chòir na dreuchdan air an sònrachadh ann an earrann 1 den dreachd Bhile a bhith aig Bòrd na Gàidhlig? |
Ann an earrann 2(1), tha riatanas air Bòrd na Gàidhlig plana-cànain nàiseanta Gàidhlig ullachadh le molaidhean airson adhartachadh na Gàidhlig. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh den seo ann an earrann 2(2) gu (6). 'S e adhbhar plana-cànain nàiseanta Gàidhlig modh aontaichte agus sgrùdaichte a shònrachadh airson leasachadh Gàidhlig. Bidh am plana seo, anns am bi ro-innleachd agus prìomh-amasan, an dèidh co-chomhairle, air a thoirt gu buil le Bòrd na Gàidhlig taobh a-staigh dà bhliadhna bho thèid an Achd a thòiseachadh agus aontachadh le Ministearan na h-Alba. Bidh am plana ag ullachadh frèam a nì cinnteach gum bi modh coitcheann airson leasachadh Gàidhlig ann don h-uile buidheann agus companaidh an sàs ann an cànan agus cultar na Gàidhlig.
Ceist a Trì Am bu chòir na riatanasan ann an earrannan 2 gu 3 den dreachd Bhile a bhith air an cur air Bòrd na Gàidhlig? |
Feumaidh Bòrd na Gàidhlig cuideachd stiùireadh ullachadh do bhuidhnean poblach mu phlanadh cànain, 3(1). Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun seo ann an earrann 3(2) gu (5). Bu chòir an stiùireadh seo a bhith air ullachadh le Bòrd na Gàidhlig agus air aontachadh le Ministearan na h-Alba. Feumaidh buidhnean poblach aire a thoirt don stiùireadh seo ann an co-dhùnadh am bu chòir dhaibh plana-cànain Gàidhlig ullachadh.
Tha Pàipear-taice 1 den dreachd Bhile a' toirt cunntas air inbhe, ballrachd, bun-reachd, aithisgean agus ùghdarrasan Bòrd na Gàidhlig. Tha cumhachan an dreachd Bhile a' buntainn ri Alba gu lèir, agus chan eil e air a chuibhreachadh ri ceàrnaidhean sònraichte. A dh'aindeoin sin, thèid ùghdarras a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig cuideachd obair a choileanadh taobh a-muigh crìochan na h-Alba. Nì seo comasach gnìomhan a tha a' ceangal ri coimhearsnachdan Gàidhlig agus eile thall thairis.
Ceist a Ceithir Am bu chòir na h-ùghdarrasan ann am pàipear-taice 1, paragraf 11 den dreachd Bhile a bhith air an toirt do Bhòrd na Gàidhlig? |
« Previous | Contents | Next »