On this page:

Bile na Gaidhlig Paipear Comhairleachaidh

« Previous | Contents | Next »

Listen

Bile na Gaidhlig
Paipear Comhairleachaidh

Earrann 4: Inbhe na Gàidhlig

Tha an t-iarrtas airson inbhe laghail no àite oifigeil nas fheàrr a' tighinn bho iomagainean mu cho lag 's a tha a' Ghàidhlig an Alba. Tha iomairtean air a bhith ann gus inbhe laghail na Gàidhlig a dhaingneachadh, gus am faighear air gabhail rithe gu laghail mar aon de chànainean na h-Alba no mar chànan oifigeil Albannach. Tha ceistean mu inbhe laghail a' chànain air beagan troimhe-chèile agus mì-chinnt adhbharachadh gach cuid do luchd-labhairt Gàidhlig mu thimcheall an còraichean air a' chànan a chleachdadh, agus do bhuidhnean poblach mu thimcheall dè dh'fheumas iad a dhèanamh a thaobh na Gàidhlig.

Tha an Riaghaltas a' dèanamh soilleir gu bheil àite oifigeil aig a' Gàidhlig an Alba, agus gur e cànan Albannach a tha sa Ghàidhlig. 'S e an dearbhadh airson seo gu bheil a' Ghàidhlig a' faighinn taic bho thaghadh de phrògraman Riaghaltais, tha cùram-roinne Caibineit ann aig a bheil uallach airson Gàidhlig agus tha Bòrd na Gàidhlig air a stèidheachadh o chionn ghoirid le gnìomh Riaghaltais. Tha ullachadh aig Pàrlamaid na h-Alba cuideachd airson cleachdadh na Gàidhlig ann an gnothachas labhairteach agus sgrìobhte.

Tha na ceuman sin a' buileachadh inbhe agus àite cudthromach air a' chànan agus a' chultar agus a' toirt beagan àite oifigeil dhaibh. A thuilleadh air sin, san Ògmhios 2003, a' freagairt ceist ann an Taigh nam Morairean, thuirt Morair Evans de Temple Guiting, 'taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte tha inbhe oifigeil . . . aig a' Ghàidhlig'.

Chan eil mòran teagamh mu inbhe laghail na Gàidhlig. Tha iomradh air a' Ghàidhlig ann am iomadh Achd Pàrlamaid, leithid Achd 2000 Inbhean ann an Sgoiltean na h-Alba etc, agus chan eil coltas gu bheil bacadh sam bith air iomraidhean don Ghàidhlig ann an reachdas na RA. Tha an t-eisimpleir as ùire ann an Achd Conaltraidh 2003.

Thagh Buidheann-obrach air Inbhe Chomunn na Gàidhlig na faclan 'inbhe thèarainte' mar gheàrr-chunntas air an amas airson dìon reachdail don Ghàidhlig. B' e an amas gum biodh reachdas a' daingneachadh nan ceuman air adhart ann an taic airson obair na Gàidhlig sna bliadhnachan mu dheireadh agus a' stèidheachadh prionnsabal èifeachd cho-ionann don Ghàidhlig. Chan eil am briathar inbhe thèarainte, a dh'aindeoin sin, glè fhreagarrach airson soilleireachadh no mìneachadh laghail agus tha beagan mì-chinnt air a bhith ann mun fhìor bhrìgh aige.

Tha an dreachd Bhile seo gu sònraichte ag amas air frèam Gàidhlig ullachadh a tha prataigeach agus chan ann a-mhàin samhlachail. 'S e a rùn barrachd cothruim a thoirt air a' Ghàidhlig a chleachdadh. Bidh am Bile, mar sin, a' stèidheachadh buidheann le dreuchdan a bhios air an coileanadh le sùil ri inbhe fhaighinn don Ghàidhlig. 'S e beachd an Riaghaltais gum bi seo aig an aon àm a' neartachadh agus a' leasachadh gach cuid inbhe laghail agus àite oifigeil a' chànain. Tha Bile Gàidhlig ann fhèin na fhìor chomharra air inbhe oifigeil na Gàidhlig.

Ceist a h-Aon

A bheil e ceart gum biodh àite aig a' Ghàidhlig mar aon de chànainean na h-Alba ann an reachdas?

« Previous | Contents | Next »

Page updated: Wednesday, May 24, 2006