« Previous | Contents | Next »
Listen
Bile na Gaidhlig
Paipear Comhairleachaidh
Earrann 3: Bile Gàidhlig
Tha reachdas don Gàidhlig air mòran taic fhaighinn roimhe. San Dùbhlachd 1997, chuir Comunn na Gàidhlig, am buidheann leasachaidh Gàidhlig, a-steach aithisg gu Oifis na h-Alba anns an robh molaidhean airson reachdas a bheireadh taic don Ghàidhlig.
Bha an leabhran seo, Inbhe Thearainte dhan Ghàidhlig, a' toirt cunntas air co-dhùnaidhean buidheann-obrach bho Chomunn na Gàidhlig, mu inbhe. Bha leabhran Chomunn na Gàidhlig a' gabhail a-staigh ceuman a mhol iad a bhith air am filleadh a-steach ann an reachdas air Gàidhlig. San Iuchair 1999, dh'fhoillsich Comunn na Gàidhlig Dreachd Iùl Airson Achd Gàidhlig, aig a' Chòmhdhail Bhliadhnail aca.
Ann an 2000 mhol Aithisg Mhic a' Phearsain, barrantaichte le Ministearan na h-Alba, gum bu chòir do Bhuidheann Leasachaidh Gàidhlig, am measg nithean eile, cuideachadh le pròiseas inbhe thèarainte airson a' chànain. On àm sin, dh'fhoillsich Buidheann-comhairleachaidh an Riaghaltais air Gàidhlig, leis an Ollamh Dòmhnall Meek mar chathraiche, tuilleadh fiosrachaidh mu àite agus suidheachadh Buidheann Leasachaidh leithid sin. Bha am Buidheann-comhairleachaidh cuideachd a' cur taic ris a' chùis airson reachdas agus a' moladh gum bu chòir gluasad gun dàil gus Achd Ghàidhlig a leasachadh agus a bhuileachadh. Fhuair Achd Ghàidhlig aire cuideachd tro athchuingean, litrichean agus na naidheachdan.
San t-Samhain 2002, faisg air deireadh a' chiad Phàrlamaid, chaidh Bile Bhall air Gàidhlig a thoirt a-steach do Phàrlamaid na h-Alba. Bha am Bile seo ag amas air riatanas a chur air cuid de bhuidhnean poblach a bhith a' foillseachadh, a' cumail suas agus a' buileachadh planaichean stèidhichte air a' phrionnsabal gum bu chòir dèiligeadh ri Gàidhlig agus Beurla air stèidh cho-ionannachd mar a bha sin iomchaidh airson an t-suidheachaidh agus ion-obrachaidh.
Ghabh Comataidh an Fhoghlaim, a' Chultair agus an Spòrs aig Pàrlamaid na h-Alba fianais air a' Bhile Bhall. Sheall an fhianais gu robh taic làidir airson Bile Gàidhlig a bheireadh tèarainteachd agus dìon don Ghàidhlig. Bha Aithisg na Comataidh mun Bhile cuideachd a' toirt taic do phrionnsabalan a' Bhile agus a' dèanamh molaidhean. Aig deasbad Ìre 1 sa Phàrlamaid, a dh'aindeoin iomadh teagamh follaiseach le pàirtean den Bhile, chaidh prionnsabalan coitcheann a' Bhile Bhall an aontachadh gu h-aon-ghuthach. Le cion ùine thuit am Bile faisg air deireadh na seisean mu dheireadh den Phàrlamaid.
Chaidh an dealas airson inbhe thèarainte a thoirt don Ghàidhlig tro Achd Ghàidhlig a dhaingneachadh ann am Partnership Agreement for a Better Scotland agus an uair sin ann an aithris a' Phrìomh Mhinisteir mu phrògram reachdail an Riaghaltais.
'Tha sinn a' creidsinn gu bheil a' Ghàidhlig cudthromach air feadh Alba agus na phàirt sònraichte de ar cultar agus ar dualchas. Gus an taic a bheir sinn don chànan a dhaingneachadh, bidh sinn a' reachdachadh airson inbhe thèarainte don Ghàidhlig - a' cur na Gàidhlig ann an lagh na h-Alba airson a' chiad uair.'
Bha ceangal aig a' Ghàidhlig a-riamh ri Gaidhealtachd is Eileanan na h-Alba. Chuir am Bile Bhall bhon t-seisean mu dheireadh sa Phàrlamaid cudthrom air a' cheangal seo le bhith a' moladh gum bu chòir don riatanas airson planaichean Gàidhlig do bhuidhnean poblach a bhith a' buntainn sa chiad àite ri Gaidhealtachd is Eileanan na h-Alba. Chaidh cur an aghaidh seo gu làidir nuair a bha am Bile aig ìre comataidh sa Phàrlamaid.
Tha toraidhean a' Chunntas-sluaigh bho 2001 a' sealltainn gu bheil coimhearsnachdan cudthromach Gàidhlig ann am bailtean agus ceann a deas na h-Alba. Chan e rud ùr a tha an seo oir tha coimhearsnachdan agus ionadan Gàidhlig air a bhith ann am mòr-bhailtean na h-Alba bhon ochdamh linn deug. Thuirt Aithisg Comataidh an Fhoghlaim, a' Chultair agus an Spòrs mun Bhile Bhall, gu bheil 'a' chomataidh gu làidir den bheachd gum feum an dleastanas airson planaichean-cànain ullachadh a bhith a' buntainn ri Alba gu lèir'. Tha am Bile a tha air a mhìneachadh sna duilleagan sin air fhoillseachadh air feadh Alba.
« Previous | Contents | Next »