On this page:

Bile na Gaidhlig Paipear Comhairleachaidh

« Previous | Contents | Next »

Listen

Bile na Gaidhlig Paipear Comhairleachaidh

Earrann 2: Gàidhlig an Alba

'S e cànan Albannach a tha sa Ghàidhlig. Tha i air a bhith san rìoghachd seo airson timcheall air 1500 bliadhna agus tha i dlùth cheangailte ri Gàidhlig na h-Èireann agus Eilean Mhanainn. Thar na h-ùine seo b' e a' Ghàidhlig cànan na cùirte agus an riaghaltais, an ionnsachaidh agus nan ealan, an fhoghlaim agus na cràbhachd agus na dachaigh agus a' choimhearsnachd.

Tha ceangal do-sgaraichte aig fearann agus sluagh na h-Alba ris a' Ghàidhlig. Chan e a-mhàin gu bheil freumhan Ghàidhlig aig mòran de ar sloinnidhean ach air feadh Alba b' e ginealaichean de luchd-labhairt Gàidhlig a thug na h-ainmean do mhòran de ar bailtean agus aibhnichean, cnuic agus lochan.

Còmhla ris an dualchas Albannach sònraichte seo, tha a' Ghàidhlig cuideachd ag obrachadh gu cofhurtail le leasachaidhean ùra ann an teicneolas agus craoladh, le deagh nithean air an clàradh. Ann an ceòl agus na h-ealain cuideachd bha nithean ionmholta air an coileanadh agus tha na chuir a' Ghàidhlig ri cultar follaiseach na h-Alba fada seachad air na bhithear a' sùileachadh bho mhion-choimhearsnachd lag. Tha an roinn foghlaim Gàidhlig a' leudachadh agus chaidh urram a chur air obair Sabhal Mòr Ostaig o chionn ghoirid le Duais Latha Bliadhnail na Bànrigh airson Foghlam Àrd-ìre.

Tha a' Ghàidhlig air a cumail suas nas motha ann an cultar pailt agus eadar-dhealaichte na Gaidhealtachd is nan Eilean. Thar nam beagan linntean a dh'fhalbh, a dh'aindeoin sin, tha a' Ghàidhlig air a bhith a' dol sìos gu mòr. Aig an àm a tha làthair 's ann ainneamh a tha a' Ghàidhlig air a cleachdadh sa chuid as motha de raointean beatha poblach, ann am foghlam agus malairt agus ann am poileataics agus riaghaltas.

Tha a' Ghàidhlig air fulang mar thoradh air na trioblaidean sòisealta agus eaconamach a lean gu àireamh mhòr de luchd-labhairt Gàidhlig a' fàgail nan sgìrean san robh iad a' fuireach sìos tro na linntean. Mar le cultaran agus cànainean dùthchasach eile, tha a' Ghàidhlig cuideachd a' feuchainn ri cumail a' dol an aghaidh làmh-an-uachdair cànain Shasainn agus cultair Ameireaga air feadh an t-saoghail.

Tha mòran chànainean air an labhairt an Alba ach tha suidheachadh eadar-dhealaichte ron Ghàidhlig. 'S e a' Ghàidhlig a-mhàin a tha anns an t-suidheachadh lag seo agus an ìre mhath gu tur an crochadh air ionadan agus coimhearsnachdan na h-Alba airson a cumail beò. Sheall an Cunntas-sluaigh bho 2001 gun robh 58,652 daoine comasach air Gàidhlig a labhairt, 65,674 comasach air Gàidhlig a labhairt, a leughadh no a sgrìobhadh agus 92,396 comasach air Gàidhlig a labhairt, a leughadh, a sgrìobhadh no a thuigsinn. Tha Cunntas-sluaigh 2001 cuideachd a' sealltainn nach eil a' Ghàidhlig a' crìonadh aig astar cho luath agus gu bheil e air tuiteam gu faisg air dara leth an deicheid roimhe ann an 1981 gu 1991. Tha gluasadan misneachail ann cuideachd leis an àireamh chloinne le Gàidhlig aig ìre bunsgoil a' meudachadh.

Thòisich taic an Riaghaltais airson Gàidhlig ann an 1979-80 le tabhartas bho Oifis na h-Alba chun a' Chomuinn Ghàidhealaich, luchd-eagrachaidh a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail. Chaidh Comunn na Gàidhlig, am buidheann leasachadh Gàidhlig, a stèidheachadh ann an 1984 le taic bho Oifis na h-Alba. Chaidh sgeama thabhartasan sònraichte airson foghlam Gàidhlig a thòiseachadh ann an 1986 agus thòisich maoineachadh airson Craoladh Gàidhlig ann an 1992.

Tha Riaghaltas na h-Alba air togail air an taic a thug Oifis na h-Alba roimhe do chànan agus cultar na Gàidhlig. Bho 1999 tha leasachaidhean mòra air a bhith ann, a lean gu suidheachadh na Gàidhlig a neartachadh an Alba. Tha Gàidhlig a-nis aig a h-uile ìre de fhoghlam agus le stòrasan agus stuthan mòran nas fheàrr. Tha foghlam meadhan-Gàidhlig air a ghabhail a-staigh ann am frèam nam prìomh-amasan nàiseanta ann am foghlam sgoile agus tha an Riaghaltas a' feuchainn ri sgrùdadh agus tomhas a dhèanamh air an ìre gu bheil ùghdarrasan foghlaim air coinneachadh ri iarrtas phàrantan.

Tha taic Riaghaltas na h-Alba airson Gàidhlig a' cur cudthrom air foghlam, buidhnean culturach, agus craoladh. A bharrachd air taic dhìreach tro Riaghaltas na h-Alba, tha a' Ghàidhlig a' faighinn taic bho ùghdarrasan ionadail, Comhairle Ealain na h-Alba, Iomairt na Gaidhealtachd is nan Eilean agus an Lìonradh Iomairtean.

Chan eil reachdas cànain, mar a tha air a mholadh san dreachd Bhile seo, neo-chumanta. Bhon Chuimrigh gu Sealan Nuadh, tha e na dhòigh stèidhichte agus dearbhte air dìon agus taic do mhion-chànainean. Tha an dreachd Bhile seo a' feuchainn ri cuideachadh le seasmhachd don Ghàidhlig an Alba san àm ri teachd. 'S e an amas cothrom air Gàidhlig a mheudachadh ann am beatha poblach na h-Alba agus mar sin a' meudachadh cleachdadh agus spèis na Gàidhlig agus misneachd luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh.

Tha e cudthromach gum bi a' Ghàidhlig air a cumail beò an Alba. Tha sin a' ceangal Alba ri pàirtean den eachdraidh aice, ris an fhearann agus an t-sluagh aice agus a' sealltainn gum bi luach agus dìon air iomadachd agus còraichean mhion-choimhearsnachdan. 'S e ceist ceartais sòisealta a tha an seo agus tha taic don Ghàidhlig co-chòrdail ri poileasaidhean aig cridhe Partnership Agreement for a Better Scotland Riaghaltas na h-Alba.

« Previous | Contents | Next »

Page updated: Wednesday, May 24, 2006