« Previous | Contents | Next »
Listen
Bile na Gaidhlig
Paipear Comhairleachaidh
Earrann 1: Ro-ràdh
Chaidh an sgrìobhainn seo ullachadh le Riaghaltas na h-Alba. Tha e a' gabhail a-staigh dreachd Bhile agus teacsa taice. Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur romhpa Achd Ghàidhlig a thoirt gu buil. Tha an Riaghaltas mothachail gun do rinn a' choimhearsnachd Ghàidhlig soilleir gur e seo a tha iad ag iarraidh. Tha am Bile cuideachd an dùil àite a thoirt don Ghàidhlig mar phàirt bheò de bheatha na h-Alba, cleachdadh na Gàidhlig adhartachadh an Alba agus barrachd àite agus urram a thoirt dhi ann an cultar na h-Alba.
Tha an dreachd Bhile ag ullachadh airson buidheann a stèidheachadh a bhios fon ainm Bòrd na Gàidhlig, aig am bi prìomh dhleastanas airson cleachdadh agus tuigse na Gàidhlig adhartachadh. Tha an dreachd Bhile cuideachd a' cur buidhnean poblach an Alba fo dhleastanas a bhith a' beachdachadh mun fheum air planaichean-cànain Gàidhlig an co-cheangal ris na seirbheisean a tha iad a' tabhann.
Tha an dreachd Bhile ann an trì pàirtean. Tha a' chiad phàirt (earrannan 1 gu 4), a' stèidheachadh Bòrd na Gàidhlig. Tha an dara pàirt (earrannan 5 gu 8), a' mìneachadh planaichean-cànain Gàidhlig agus an treas pàirt (earrannan 9 gu 12), a' gabhail a-staigh beagan ullachaidh coitcheann. Tha cuideachd trì pàipearan-taice ris a' Bhile.
Chaidh an teacsa taice seo ullachadh mar chuideachadh don leughadair a' tuigsinn amasan poileasaidh agus cuimsean sònraichte an dreachd Bhile. Bidh an teacsa taice cuideachd a' toirt fiosrachadh don leughadair mun dreachd Bhile na Gàidhlig agus a' rannsachadh cùisean co-cheangailte ris.
Chan e mìneachadh iomlan den Bhile a tha san teacsa taice agus ma tha earrann sa Bhile seo nach eil a' cur feum air beachd, cha bhi sin air a thoirt. Tha ceistean air an gabhail a-staigh gus cuideachadh a thoirt don leughadair sa mhodh co-chomhairleachaidh ach cha leig an leughadair a leas a bhith air a chuingealachadh riutha.
« Previous | Contents | Next »