On this page:

Bile na Gaidhlig Paipear Comhairleachaidh

« Previous | Contents | Next »

Listen

Bile na Gaidhlig
Paipear Comhairleachaidh

Facal-toisich Ministreil

Photo

Tha fìor dhùbhlain ach cuideachd fìor chothroman aig a' Ghàidhlig mar chànan Albannach agus tha Riaghaltas na h-Alba a' cur taic ri na tha air thoiseach oirre.

Anns na duilleagan a leanas tha molaidhean Riaghaltais na h-Alba airson Bile Gàidhlig. 'S e clach-mhìle chudthromach a tha an seo ann an gealladh an Riaghaltais airson cànan agus cultar na Gàidhlig agus inbhe nas fheàrr a thoirt dhi. Mar Mhinistear an Fhoghlaim agus an Òigridh agus poileasaidh Gàidhlig, tha mi fìor thoilichte a bhith an urra ri deasachadh a' Bhile seo. Bidh mi toilichte nuair a chì mi a' chiad Achd Ghàidhlig air a reachdachadh ann an eachdraidh na h-Alba.

Tha mi misneachail gu bheil am Bile seo mothachail air inbhe na Gàidhlig an Alba, agus gum bi e ag adhartachadh a cleachdadh ann an raon farsaing de shuidhichidhean. 'S e ar n-amas gum bi na làithean ri teachd seasmhach don Ghàidhlig an Alba. Tha mi soilleir nach eil reachdas leis fhèin comasach air seo a choileanadh. Feumaidh sinn a' Ghàidhlig fhaicinn air a cumail a' dol ann an teaghlaichean, air a h-adhartachadh le sgoiltean, air a cleachdadh gu tric sna coimhearsnachdan agus air a meas luachmhor le luchd-ionnsachaidh. Tha mi den bheachd gun cruthaich am Bile seo an suidheachadh agus a' mhisneachd a nì seo comasach.

San Aonta Com-pàirteachais thug an Riaghaltas gealladh gum biodh iad a' reachdachadh gus inbhe thèarainte a thoirt don Ghàidhlig tro Bhile Gàidhlig. Tha mi den bheachd gu bheil seo na chomharra air taic an Riaghaltais don Ghàidhlig an Alba. Bheir am Bile seo cothrom dhuinn a bhith a' togail air iomairtean Riaghaltais roimhe a thug taic don Ghàidhlig agus a' daingneachadh na Gàidhlig mar aon de chànainean na h-Alba.

Tha mi a' cur m' aonta ri na molaidhean airson Bile Gàidhlig agus a' toirt cuireadh dhuibh ur beachdan a chur a-steach thugam.

Signature

Peadar J Peacock, MSP
Ministear an Fhoghlaim agus an Òigridh

« Previous | Contents | Next »

Page updated: Wednesday, May 24, 2006