News

Listen

FM unveils funding boost for culture and film

23/07/2012

Gaelic version

First Minister Alex Salmond has announced £130,000 to support sound archiving and film-making projects based on Skye.

Speaking during a visit with Education Secretary Michael Russell to Sabhal Mòr Ostaig, Scotland’s first college to teach solely in Gaelic, Mr Salmond confirmed the cash will support work to develop a National Sound Archive and to help foster a new generation of young Gaelic filmmakers.

The Scottish Government will provide £100,000 for the National Library of Scotland to pilot a National Sound Archive for Scotland working with Tobar an Dualchais - a project to digitise, catalogue and preserve sound recordings from across Scotland dating back more than 80 years.

A further £30,000 will support the educational work of MGAlba, to encourage more young people to engage in Gaelic filmmaking through its annual FilmG project, delivered by creative multimedia company Cànan.

Both the Tobar an Dualchais project and Cànan are based at Sabhal Mòr Ostaig.

The First Minister said:

"Today’s announcement demonstrates the Scottish Government’s strong commitment to growing the cultural economy, and supporting creative activity in every part of Scotland.

"Through its work to collect, preserve and provide access to more than 11,500 hours of Scotland’s sound heritage, Tobar an Dualchais has potential to play a key role in our long term ambitions to create a National Sound Archive for Scotland.

"Today’s funding will extend this excellent work, supporting employment and skills development for the digitisers, cataloguers, data editors and copyright officers who are involved – many of who are working from some of Scotland’s most economically fragile areas.

"By allocating a further £30,000 to the FilmG project, we’re demonstrating our firm commitment to fostering a sustainable future for Gaelic in Scotland. This will support work to develop the project, to reach more young people and to venture into new areas. I hope that this additional support will mean next year’s FilmG project will return an even bigger showcase from Scotland’s talented young Gaelic filmmakers."

Donnie Munro, Chairman of Tobar an Dualchais, said:

"This represents a further and much appreciated commitment by the Scottish Government to our national cultural heritage through supporting the excellent work being carried out by the Tobar an Dualchais-Kist O Riches team and further, it enables an innovative approach to be taken, by Tobar an Dualchais and the National Library of Scotland working in partnership, towards the creation of a National Scottish Sound Archive."

Education Secretary Michael Russell said:

"The work that Cànan undertakes on behalf of MGAlba isn’t just about training people to make films in Gaelic. Their schools training programme fits well with Curriculum for Excellence, and also a busy teaching timetable.

"Pupils learn all the skills necessary to produce a film including story development, script writing, acting, directing, camera work and editing. Evidence from this year’s awards shows that the time being spent has been worthwhile.

"Interest in Gaelic filmmaking is on the increase and that there are a number of very talented people out developing their craft. This additional funding will help inspire and train even more people to make films in Gaelic and take part in FilmG."

Donald Campbell, Chief Executive of MG ALBA, said:

"The FilmG competition will soon enter its fifth year and since its inception it has enabled a wealth of creative talent to be unearthed across Scotland. The young people who have participated have all demonstrated a passion for creating and sharing their own Gaelic media and FilmG has often provided them with their first experience of the stages of production both behind and in front of the camera.

"The programme provided by FilmG not only helps to inspire the Gaelic media champions of tomorrow but is a vital strand in helping to grow Gaelic amongst our young people and we are grateful to the Scottish Government for their funding and support."

Further information

The Tobar an Dualchais/Kist o Riches project, based at Sabhal Mòr Ostaig, was launched in 2006 to digitise and catalogue recordings from all over Scotland. To date 11,500 recordings have been digitised and 5,000 hours have been catalogued. Some of the recordings go back to the 1930s, while others were recorded as recently as 2000. A total of 50 people have worked on the project since it began. 

Tobar an Dualchais already receives funding from a variety of sources. The £100,000 announced today is for the National Library of Scotland to take forward a pilot project for a National Sound Archive for Scotland working with Tobar an Dualchais.

FilmG is the Gaelic Shorts Competition, funded by MG ALBA and delivered by Cànan, the creative multi-media company owned by Sabhal Mòr Ostaig. The aim of the project is to develop new talent for the Gaelic channel, BBC ALBA, and to produce significant new Gaelic content for the web. The competition is open to young people aged between 12 and 17, and to adults, provided they do not have a broadcast credit as a director or producer. This is to ensure that the project focuses specifically on bringing new talent to the fore. Cànan hopes to increase entries into the 12-17 category this year having worked with 24 schools to create 38 films in 2011/12. FilmG has been shortlisted for a Scottish Event Award, 2012.

Gaelic version

Am Priòmh Mhinistear a’ dearbhadh airgead airson cultar agus foghlam

£130,000 a dh’ionnsaigh pròiseactan anns an Eilean Sgitheanach

Dh’fhoillsich am Prìomh Mhinistear an diugh gu bheil taic £130,000 a’ dol a dh’ionnsaigh pròiseactan tasglann-fuaim agus fiolm anns an Eilean Sgitheanach.

Dhearbh Ailig Salmond gum bi an t-airgead air a chleachdadh airson Tasglann-fuaim Nàiseanta airson Alba a leasachadh agus ginealach ùr de fiolmadairean a chruthachadh agus a neartachadh. Bha e a’ bruidhinn an uair a bha e fhèin agus Micheal Ruiseal, Rùnaire an Fhoghlaim a’ tadhal aig Sabhal Mòr Ostaig, a’ chiad Cholaisde a bhios a’ teagasg a-mhàin anns a’ Ghàidhlig,

Bheir Riaghaltas na h-Alba £100,000 do Leabharlann Nàiseanta na h-Alba airson Tasglann-fuaim Nàiseanta a chruthachadh ann an co-bhonn le Tobar an Dualchais. ’S e seo am pròiseact a bhios a ghlèidheadh clàran-fuaim bho air feadh Alba ann an cruth didseatach, cuid cho aosta ri 80 bliadhna.

Cuideachd, bidh £30,000 ga thoirt seachad airson obair foghlaim MG ALBA. Bidh seo airson misneachd a thoirt do bharrachd chloinn a tha ag iarraidh pàirt a ghabhail ann am pròiseact FilmG, a tha air a lìbhrigeadh le Cànan, a’ chompanaidh meadhanan aig Sabhal Mòr Ostaig

Tha Tobar an Dualchais agus Cànan còmhla stèidhichte anns an t-Sabhal Mhòr.

Thuirt am Prìomh Mhinistear Ailig Salmond:

"Tha naidheachdan an latha an-diugh a’ sealltainn gu bheil dealas làidir aig Riaghaltas na h-Alba a thaobh eaconamaidh cultarail a bhrosnachadh agus taic a thoirt do ghnìomhachd chruthachail air feadh na dùthcha.

"Le bhith a’ cruinneachadh, a’ glèidheadh agus a’ claradh còrr is 11,500 uair de dhualchais fuaim Albannach , tha e nis comasach gum bi pàirt air leth cudromach aig Tobar an Dualchais a thaobh ar amasan fad-ùine Tasglann-fuaim Nàiseanta airson Alba a chruthachadh.

"Bheir an t-airgead seo cothrom an obair sàr mhath seo a’ leudachadh. A-measg na thachras bidh taic airson cosnaidhean agus sgilean leasachaidh airson luchd-didseatach, luchd-stòraidh, luchd-deasachaidh agus oifigearan chòraichean – tòrr a’ tighinn bho àitichean ann an Alba far a bheil an eaconamaidh lag.

"Tha sinn dealasach gum bi a’ Ghàidhlig seasmhach ann an Alba san àm ri teachd agus tha an suim airgead de £30,000 a bharrachd gu FilmG a’ dearbhadh seo. Bidh seo air a chleachdadh airson a’ phròiseict a leasachadh, barrachd dhaoine a tharraing a-steach agus dòighean obrach ùr. Leis an taic seo ’s e mo dhòchas gum bi pròiseact FilmG a’ gluasad bho neart gu neart, le barrachd chloinne bho choimhearsnachd na Gàidhlig air feadh Alba a’ gabhail pàirt an ath bhliadhna."

Thuirt Donnie Rothach, Cathraiche Tobar an Dualchais:

"A-rithist tha seo a’ sealltainn gu bheil dealas aig Riaghaltas na h-Alba a thaobh ar cultar nàiseanta le bhith toirt taic mar seo do sgioba Tobar an Dualchais-Kist of Riches. A bharrachd air a seo, bheir seo comas dhan sgioba dòighean obrach ùr a chleachdadh, le compàirteachas eadar Tobar an Dualchais agus Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, airson Tasglann-fuaim Nàiseanta airson Alba a chruthachadh."

Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim Micheal Ruiseal:

"Tha cus a bharrachd an sàs anns an obair a tha Cànan a’ dèanamh às leth MG ALBA, na bhith a’ trèanadh dhaoine fiolman Gàidhlig a chruthachadh. Tha am program trèanadh sgoiltean aca a’ suidhe gu math leis a’ Churraicealam airson Sàr Mhathas, le clàr-ama teagaisg trang cuideachd.

"Bidh sgoilearan ag ionnsachadh sgilean feumail airson fiolmaichean a riochdachadh, nam measg: leasachaidhean sgeulachd, sgriobhadh, stiùireadh, obair camara agus deasachadh. Tha fianais bho dhuaisean na bliadhna seo a’ sealltainn gu bheil luach mòr anns an ùine a chuir sgoilearan seachad ag ionnsachadh na sgilean seo.

"Le ùidh ann am fiolmaichean Gàidhlig ag àrdachadh, tha cuideachd àireamhan de dhaoine le tàlant agus sgilean sònraichte a’ leasachadh an cuid obrach. Gun teagamh, bidh maoineachadh mar seo cuideachail airson barrachd is barrachd dhaoine a thrèanadh airson fiolmaichean a dhèanamh anns a’ Ghàidhlig agus pàirt a ghabhail ann am FilmG."

Fiosrachadh

Chaidh Tobar an Dualchais/Kist o Riches, a tha stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig, a stèidheachadh ann an 2006 airson clàran-fuaim bho air feadh Alba a ghlèidheadh ann an cruth didseatach. Chun an latha an-diugh tha 11,500 clàr didseatach agus 5,000 uair air an stòradh. Tha cuid a’ dol air ais cho fada ri na 1930’s, le cuid eile bhon bhliadhna 2000. Uile-gu-lèir tha 50 neach air air a bhith ag obair air a’ phròiseact bho thoisich e. Airson tuilleadh fiosrachaidh:

www.tobarandualchais.co.uk

Tha Tobar an Dualchais mar thà a faighinn maoineachadh bho diofar bhuidhnean.’S ann airson Leabharlann Nàiseanta na h-Alba a tha an £100,000 a chaidh fhoillseachadh an diugh. Ag obair le Tobar an Dualchais bheir iad air adhart pròiseact airson Tasglann-fuaim Nàiseanta airson Alba.

’S e Co-fharpais Ghàidhlig an th’ann am FilmG , le maoineachadh bho MG ALBA agus air a lìbhrigeadh le Cànan, a’ chompanaidh meadhanan aig Sabhal Mòr Ostaig. Bidh am pròiseact ag amas air tàlant ùr a bhrosnachadh airson MG ALBA, airson luchd-sgeulachd agus fiolmadairean a mhisneachadh aig aois òg, agus stuth Gàidhlig ùr a chruthachach airson an làrach-lìn. Tha a’ cho--fharpais fosgailte do dhaoine òg eadar 12 agus 17 agus do dh’inbhich cho fhad ’s nach eil iad nam fiolmaidearan proifeiseanta. Ni seo cinnteach gu bheil fòcas sònraichte air tàlant ùr a chruthachadh. Tha Cànan an dòchas àireamhan fharpaiseach àrdachadh am bliadhna, an dèidh obair le 24 sgoiltean airson 38 fiolm a chruthachadh ann an 2011/2012. Tha FilmG air liosta airson Duais Tachartas na h-Alba 2012.