News

Listen

Bòrd na Gàidhlig

07/03/2012

Statement on Bòrd na Gàidhlig and the resignation of Arthur Cormack from the Scottish Government:

Minister for Learning, Science and Scotland’s Languages, Dr Alasdair Allan said:

“It is with regret that I have accepted Arthur Cormack’s resignation as Chair of Bòrd na Gàidhlig on personal grounds. The Scottish Government have been pleased with the progress made by Bòrd na Gàidhlig to grow the Gaelic language and without Arthur’s tireless commitment and strong support to his team this would not have been possible.

“I would like to personally thank Arthur for his work over the past three years and wish him well in all his future endeavours.

“Elizabeth McAtear has been appointed by the Bòrd as interim Chair. An important next step will be to begin the full recruitment process for a replacement Chair as soon as possible.”

Elizabeth McAtear has been unanimously selected by colleagues on the Bòrd to fill the Cathraiche post until a permanent successor is appointed. Iain Campbell has been selected as Vice Chair. Bòrd na Gàidhlig interim Cathraiche (Chair) Elizabeth McAtear said:

“We greatly regret that Arthur Cormack has decided to leave his position as Cathraiche of Bòrd na Gàidhlig. Since his appointment to the Bòrd in 2007 he has been unfaltering in his commitment and determination for the development and growth of the Gaelic language. As Cathraiche over the past three years he has carried a huge workload combining his daily job with his Bòrd na Gàidhlig role.

“Arthur has been integral to the creation of the National Gaelic Language Plan 2012 - 2017 and leaves the Bòrd with a strong plan that will guide us and others through the next 5 years. On behalf of the Bòrd I would like to wish him very well for the future.

“It is an honour for me to take up this position as interim Cathraiche, and I am very grateful to Iain Campbell for agreeing to support me in his role as Vice Chair. The Bòrd will now move forward to continue fulfil our responsibilities.”

Arthur Cormack has written to the Minister for Learning, Science and Scotland’s Languages, Dr Alasdair Allan standing down with immediate effect from his position as cathraiche (chair) of Bòrd na Gàidhlig:

”I am relinquishing my post having been off work for some time and concluding that I cannot continue to do everything I have been doing between Bòrd duties and my daily work. I want to thank the members and officers of Bòrd na Gàidhlig, Ministers and government officials who supported me in my role. I wish the Scottish Government every success in all its efforts to promote Gaelic as I do to Bòrd na Gàidhlig and a new cathraiche in the future.”

Gaelic

Thuirt an Dr Alasdair Allan, Ministear airson Ionnsachadh, Saidheans agus Cànanan na h-Alba:

“Is ann le mòr-aithreachas a ghabh mi ri Art MacCarmaig a’ leigeil dheth a dhreuchd mar Chathraiche air Bòrd na Gàidhlig air sgàth adhbharan pearsanta. Tha Riaghaltas na h-Alba air a bhith toilichte leis an adhartas a tha Bòrd na Gàidhlig air a dhèanamh a thaobh fàs don Ghàidhlig, agus às aonais dealas seasmhach agus taic làidir Art don sgioba aige cha bhiodh seo air a bhith comasach a choileanadh. Bu mhath leam mo bhuidheachas pearsanta a bhuileachadh air Art airson a chuid obrach thar nan trì bliadhna a dh’fhalbh agus tha mi a’ guidhe gach soirbheachadh dha anns gach oidhirp sam bi e an sàs san àm ri teachd.
“Tha Ealasaid Nic an t-Saoir air a fastadh leis a’ Bhòrd mar Chathraiche eadar-amail. ‘S e an ath cheum chudromach an làn proiseas trusaidh a chur air bhonn airson Cathraiche fhastadh cho luath ‘s a ghabhas.”

Tha Ealasaid Nic an t-Saoir air a taghadh gu h-aon-ghuthach le a co-oibrichean air a’ Bhòrd airson dreuchd a’ Chathraiche a lìonadh gus am bi neach-ionaid air a chur an dreuchd. Tha Iain Caimbeul air a thaghadh mar Iar-Chathraiche. Thuirt Ealasaid Nic an t-Saoir, Cathraiche eadar-amail Bhòrd na Gàidhlig:

“Tha sinn gu mòr a’ caoidh gu bheil Art MacCarmaig air cur roimhe a dhreuchd fhàgail mar Chathraiche Bhòrd na Gàidhlig. On a chaidh fhastadh chun a’ Bhùird ann an 2007, tha e air a bhith gun lagachadh na chuid dealais is diongmhaltais a thaobh leasachadh agus fàs air a’ Ghàidhlig. Mar Chathraiche thar nan trì bliadhna mu dheireadh, tha e air a bhith a’ giùlain eallach obrach fìor mhòr a’ co-aontachadh obair làitheil le a dhreuchd aig Bòrd na Gàidhlig.

“Tha Art air a bhith aig teis-meadhain cruthachadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2012 - 2017 agus tha e a’ fàgail a’ Bhùird le plana làidir a bhios a’ treòrachadh sinn fhìn agus càch tro na còig bliadhna a tha romhainn. Às leth a’ Bhùird, bu mhath leam gach soirbheachadh a ghuidhe dha san àm ri teachd. ‘S e urram a th’ ann dhòmhsa an dreuchd seo mar Chathraiche eadar-amail a ghabhail, agus tha mi fada an comain Iain Chaimbeul airson aontachadh taic a thoirt dhomh na dhreuchd mar Iar-Chathraiche. Gluaisidh am Bòrd air adhart a-nis a’ coileanadh ar dleastanasan.”

Tha Art MacCarmaig air sgrìobhadh chun an Dr Alasdair Allan, Ministear airson Ionnsachadh, Saidheans agus Cànanan na h-Alba, a’ luaidh gu bheil e a’ seasamh sìos sa bhad bho a dhreuchd mar chathraiche air Bòrd na Gàidhlig:

“Tha mi a’ toirt suas mo dhreuchd an dèidh a bhith dhem obair rè ùine, agus a’ tighinn gu co-dhùnadh nach urrainn dhomh leantainn air adhart a’ dèanamh a h-uile nì a bha mi a’ coileanadh eadar dleastanasan a’ Bhùird agus m’ obair làitheil. Tha mi airson taing a thoirt do bhuill agus oifigearan Bhòrd na Gàidhlig, Ministearan is oifigich an riaghaltais a thug dhomh taic nam dhreuchd. Tha mi a’ guidhe gach soirbheachadh do Riaghaltas na h-Alba anns gach oidhirp is iomairt a dh’ionnsaigh adhartachadh na Gàidhlig agus do Bhòrd na Gàidhlig agus an cathraiche ùr san àm ri teachd.”