This item was published during the term of a previous administration that ended in April 2007

Listen
National Plan for Gaelic
26/03/2007
Bha plana airson seasmhachd a thoirt dhan Ghaidlig an Alba san am ri teachd air a chur air bhog an-diugh le Patricia NicFhearghais.
Tha Plana Nàiseanta na Gàidhlig a' toirt mapa-rathaid 5 bliadhna dha riaghaltas, ùghdarrasan ionadail, buidhnean poblach agus na roinnean prìobhaideach agus saor-thoileach gus an cànan a stiùireadh air adhart.
Tha am plana a' bualadh gu sònraichte air adhartachadh agus leasachadh a' chànan gus daoine a mhisneachadh gu bhith ga ionnsachadh agus ga chleachdadh, còmhla ri dòighean air inbhe a' chànain àrdachadh.
Tha e air taic fhaighinn bho bhuidhnean anns na roinnean poblach agus prìobhaideach mar Homebase, Caledonian Mac a' Bhruthainn, Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle na Gàidhealtachd.
Dh'ainmich am Ministear an-diugh cuideachd taic-airgid £29,000 airson Faclair na Gàidhlig, faclair air-loidhne a bhios feumail dha fileantaich, luchd-ionnsachaidh, sgoilearan, luchd-teagaisg agus luchd-dèanamh poileasaidh.
Gheibh Stòrlann, an t-Ionad Nàiseanta airson Goireasan Foghlaim Gàidhlig, £100,000 a bharrachd gus stuthan ùra a cheannach airson an cleachdadh ann an clasaichean Gàidhlig. Bidh maoineachadh air a chur gu goireasan IT, stuthan cuspaire agus taic eile dha sgoilearan.
Read what others think
Thuirt am Ministear:
"Bu chòir dha Alba a bhith moiteil às an eachdraidh phrìseil a tha aig a' Ghàidhlig, às a neart aig an àm seo agus a soirbheachadh san àm ri teachd.
"Tha Plana Nàiseanta na Gàidhlig na phàirt cudromach ann an cruthachadh seasmhachd dhan Ghàidhlig san àm ri teachd.
"Tha e a' sealltainn ciamar a mheudaicheas sinn an àireamh de luchd-labhairt Gàidhlig, ciamar a nì sinn Gàidhlig nas follaisiche agus ciamar a thogas sinn misneachd barrachd dhaoine a bhith a' cleachdadh na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan, a bhith ga h-ionnsachadh, agus ga bruidhinn taobh a-staigh an teaghlaichean.
"Tha mi ag iarraidh air a h-uile seòrsa buidheann - poblach, prìobhaideach, saor-thoileach, Gàidhlig agus eile -prìomhachasan anns a' Phlana Nàiseanta a chomharrachadh a bhiodh freagarrach dhaibh, agus an uairsin ceuman a ghabhail airson cuideachadh gan coileanadh.

"Rinn sinn adhartas fìor mhath ann an grunn phrìomh roinnean de leasachadh Gàidhlig. Tha seo a' gabhail a-steach, leudachadh foghlam Gàidhlig, obrachadh a dh'ionnsaigh seirbheis telebhisein didseatach Gàidhlig, barrachd taic dha Sabhal Mòr Ostaig, toirt air adhart Achd Ghàidhlig, stèidheachadh Bòrd na Gàidhlig, adhartachadh nan ealan Gàidhlig agus san fharsaingeachd feuchainn ri ìomhaigh agus follaiseachd a' chànain àrdachadh."
Stèidhich Achd na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig le uallach airson leasachadh ro-innleachdail na Gàidhlig, agus chuir e dleastanas air a' Bhòrd Plana Nàiseanta na Gàidhlig a dheasachadh.
Thuirt Ceannard Bòrd na Gàidhlig, Ailean Caimbeul:
"Tha leasachadh Gàidhlig air mòran adhartais a dhèanamh anns na beagan bhliadhnachan a chaidh seachad and 's e clach-mhìle fìor chudromach eile a th' ann am foillseachadh a' chiad Phlana Nàiseanta na Gàidhlig.
"Thàinig Plana Nàiseanta na Gàidhlig a-mach à saothair agus dealas bho iomadh duine. Aig deireadh nan trì mìosan de cho-chomhairle phoblach eadar an Lùnastal agus an t-Samhain an-uiridh, tha Bòrd na Gàidhlig riaraichte gu bheil am Plana a' sealltainn miannan luchd-cleachdaidh agus luchd-taice na Gàidhlig airson leasachadh a' chànain.
"Ach, ged a tha am Plana na mhapa-rathaid air leth cudromach a dh'ionnsaigh tèarainteachd dhan Ghàidhlig, aig a' cheann thall bidh coileanadh an amais sin an urra ri co-obrachadh agus com-pàirteachadh èifeachdach a chumail a' dol thar gach roinn de bheatha na h-Alba.
"'S e obair dhùbhlanach eile a bhios an seo ach tha mi cinnteach gum bi e inntinneach agus soirbheachail."
Read what other think
_______________________
A blueprint to create a sustainable future for Gaelic in Scotland was unveiled today by Patricia Ferguson, the Minister with responsibility for the language.
The National Plan for Gaelic provides government, local authorities, public bodies and the private and voluntary sectors with a five year road map to take the language forward.
The plan concentrates on promoting and developing the language to encourage people to learn and use it, in addition to ways of enhancing its status.
It has received backing from public and private sector organisations such as Homebase, Caledonian MacBrayne, Comhairle nan Eilean Siar and Highland Council.
The Minister also today announced £29,000 for Faclair na Gàidhlig, an on-line dictionary of Scottish Gaelic that will act as resource for native speakers, learners, scholars, teachers and policy makers.
Stòrlann, the National Gaelic Resource Centre, will receive an additional £100,000 to purchase new materials for use in Gaelic classrooms. Funding will be directed towards IT resources, subject materials and other support for pupils.
The Minister said:
"Scotland should be proud of Gaelic's rich and varied past, a dynamic present and a great future.
"The Gaelic National Plan is an important building block for creating a sustainable future for Gaelic.
"It shows how we can increase the number of Gaelic speakers, how we increase the visibility of Gaelic and how we build confidence so that more people are encouraged to use Gaelic in communities, to learn it, and to pass it on within families.
"I want to encourage all types of bodies - public, private, voluntary, Gaelic and non-Gaelic - to recognise priorities in the National Plan which they can help deliver, and then to take steps to do so.
"We have made very good progress in a number of key areas of Gaelic development. This includes, expanding Gaelic education, working towards a Gaelic digital TV Service, increasing support for Sabhal Mòr Ostaig, taking forward a Gaelic Act, establishing Bòrd na Gàidhlig, promoting Gaelic arts and generally trying to raise the profile and visibility of the language."
The Gaelic Act established Bòrd na Gàidhlig with responsibility for the strategic development of Gaelic, and placed a duty on the Bòrd to produce a National Plan for Gaelic.
Bòrd na Gàidhlig Chief Executive, Allan Campbell said:
"Gaelic development has enjoyed significant progress over the past few years and the publication of the first National Plan for Gaelic is another hugely important milestone.
"The National Plan for Gaelic is the product of much effort and commitment by many people. Following the three months of public consultation which took place between August and November last year, Bòrd na Gàidhlig is satisfied that the Plan reflects the aspirations of users and supporters of Gaelic for the development of the language."
Read what others think
"However, while the Plan is an enormously important route map towards securing the future of Gaelic, the ultimate realisation of that goal will depend on continuing effective collaborations and partnership working across all sectors of Scottish life.
"This will be another challenging journey but I'm sure it will be exciting and successful."