This item was published during the term of a previous administration that ended in April 2007

Listen
Barrachd airgid airson foghlam Gaidhlig
12/03/2007
Gheibh sgoilearan air feadh na h-Alba buannachd nuair a thèid faisg air £5 millean a bharrachd a-steach ann am foghlam na Gàidhlig.
Fhuair Comhairlichean a tha a' toirt seachad foghlam tro mheadhan na Gàidhlig £485,000 a bharrachd air nas àbhaist airson na bliadhna-sa. Agus ann an 2007-08 gheibh iad tabhartasan £4.466 millean - cha mhòr £500,000 a bharrachd air na fhuiar iad an uiridh.
Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig mar phrìomhachas ann an ath-bheothachadh is leasachadh na Gàidhlig is tha Ministearan den bheachd gum bi an t-airgead seo a' dèanamh tuilleadh leasachaidh air an t-solachadh air feadh na dùthcha.
A' bruidhinn an uair a bha e a' tadhal air aonad Gàidhlig Bun-sgoil Lacasdail (Eilean Leòdhais) thuirt Ministear an Fhoghlaim Ùisdean Mac Eanraig:
"Tha an ginealach de Ghàidheil òga a tha ag èirigh suas a' faighinn a' bhuannachd a th' ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha sinn airson togail air an t-soirbheachadh seo agus airson dèanamh cinnteach gum bi sgoilearan a' faighinn an taic as fhèarr.
"Tha an t-airgead a-bharrachd seo a' dearbhadh ar dealas don chànan agus tha e na dheagh naidheachd do na sgoiltean a tha an sàs ann.
"Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a' soirbheachadh, tha àireamh nan sgoilearan air a dhol an àirde agus tha barrachd chlasaichean Gàidhlig ann na bh' ann a-riamh. Nì na sgoilearan seo cinnteach gum bi a' Ghàidhlig soirbheachail san àm ri teachd."
FIOS GU LUCHD NAIDHEACHD
Gheibh sgoiltean a tha a' teagasg foghlam tro mheadhan na Gàidhlig taobh a-staigh nan roinnean seo buannachdd bho airgead a bharrachd:
Council Comhairle | 2006/07 additional funding (£) maoin a bharrachd (£) 2006/07 | 2007/08 funding (£) maoin (£) 2007/08 |
Aberdeen City Baile Obar Dheathain | 15,000 | 130,000 |
Angus Aonghas | 10,000 | 42,000 |
Argyll & Bute Earra-ghàidheal & Bòid | 45,000 | 345,000 |
Clackmannanshire Siorrachd Chlach Mhanainn | 10,000 | 14,000 |
Comhairle nan Eilean Siar | 45,000 | 921,000 |
East Ayrshire Siorrachd Inbhir Àir an Ear | 15,000 | 135,000 |
East Dunbartonshire Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Ear | 20,000 | 60,000 |
East Renfrewshire Siorrachd Rinn Friù an Ear | 20,000 | 32,000 |
City of Edinburgh Baile Dhùn Èideann | 30,000 | 180,000 |
Falkirk An Eaglais Bhreac | 5,000 | 10,000 |
Glasgow Glaschu | 65,000 | 460,000 |
Highland A' Ghàidhealtachd | 45,000 | 880,000 |
Inverclyde Inbhir Chluaidh | 20,000 | 95,000 |
North Ayrshire Siorrachd Àir a Tuath | 30,000 | 80,000 |
North Lanarkshire Siorrachd Lannraig a Tuath | 30,000 | 247,000 |
Perth & Kinross Peairt & Cinn Rois | 10,000 | 70,000 |
Renfrewshire Siorrachd Rinn Friù | 10,000 | 30,000 |
Scottish Borders Na Crìochan | 5,000 | 5,000 |
South Lanarkshire Siorrachd Lannraig a Deas | 15,000 | 144,000 |
Stirling Sruighlea | 30,000 | 125,000 |
West Dunbartonshire Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Iar | 10,000 | 20,000 |
Stòrlann | | 441,000 |
Total Iomlan | 485,000 | 4,466,000 |
Thàinig an t-airgead a tha seo bho bhuidseatan a chaidh ath-riarachadh an taobh a-staigh sporran Mhinistear an Fhoghlaim airson comhairlean a chuideachadh le cosgaisean foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a thoirt seachad sna sgìrean aca. Tha an t-airgead seo a bharrachd air na Tabhartasan Sònraichte airson na Gàidhlig a fhuair na comhairlean mar thà ann an 2006-07, a thàinig gu £3,914 millean.
Fo Riaghailtean Foghlam na Gàidhlig (Alba) 1986, tha na Tabhartasan Sònraichte airson Gàidhlig ann do chomhairlean gus coinneachadh ri suas gu 75 a-mach às a' cheud de chosgaisean foghlam Gàidhlig a lìbhrigeadh. Tha iad air an toirt seachad gach bliadhna. Ann an 2007-08 tha £4,446 ri fhaotainn fo Sgeama nan Tabhartasan Sònraichte airson na Gàidhlig, meudachadh de £500,000 bhon uiridh.
Tha iarrtasan maoineachaidh air am measadh mar a leanas:
- Cothrom an àireamh de fhileantaich sa Ghàidhlig a mheudachadh
- Cothrom cur ri eòlas cultar no cànan nan sgoilearan
- Cuideachadh le àrdachadh beachdan deimhinneach a thaobh na Gàidhlig
- Cuideachadh le cothroman ionnsachaidh fad-beatha sa Ghàidhlig
'S e an Stòrlann an t-ionad nàiseanta airson foghlam Gàidhlig, ann an Leòdhas. Tha e a' leasachadh agus a' lìbhrigeadh a' chuid as motha de na stuthan teagaisg a thathar a' cleachdadh airson na Gàidhlig.
CASH BOOST FOR GAELIC EDUCATION
Pupils throughout Scotland will benefit from increased investment in Gaelic education worth nearly £5 million.
Councils who provide Gaelic education have been given a cash boost of £485,000 on top of previous allocations for this year. And in 2007-08 they will share grants totalling £4.466 million - an increase of almost £500,000 on the previous year.
Gaelic medium education is a key priority in the revitalisation and development of Gaelic and Ministers believe this money will further enhance provision across the country.
Speaking on a visit to Laxdale Primary's Gaelic medium unit (Isle of Lewis), Education Minister Hugh Henry said:
"We have a growing generation of young Gaels reaping the benefits of Gaelic medium education. We want to build on this success and ensure that pupils continue to receive the best possible support.
"This extra funding underlines our commitment to the language and is great news for the schools involved.
"Gaelic education is thriving, pupil numbers are up and we have more Gaelic medium classes than ever before. These youngsters will help ensure that Gaelic has a vibrant future."
Gaelic medium education schools within the following council areas will benefit from the additional funding:
Council | 2006/07 additional funding (£) | 2007/08 funding (£) |
Aberdeen City | 15,000 | 130,000 |
Angus | 10,000 | 42,000 |
Argyll & Bute | 45,000 | 345,000 |
Clackmannanshire | 10,000 | 14,000 |
Comhairle nan Eilean Siar | 45,000 | 921,000 |
East Ayrshire | 15,000 | 135,000 |
East Dunbartonshire | 20,000 | 60,000 |
East Renfrewshire | 20,000 | 32,000 |
City of Edinburgh | 30,000 | 180,000 |
Falkirk | 5,000 | 10,000 |
Glasgow | 65,000 | 460,000 |
Highland | 45,000 | 880,000 |
Inverclyde | 20,000 | 95,000 |
North Ayrshire | 30,000 | 80,000 |
North Lanarkshire | 30,000 | 247,000 |
Perth & Kinross | 10,000 | 70,000 |
Renfrewshire | 10,000 | 30,000 |
Scottish Borders | 5,000 | 5,000 |
South Lanarkshire | 15,000 | 144,000 |
Stirling | 30,000 | 125,000 |
West Dunbartonshire | 10,000 | 20,000 |
Stòrlann | | 441,000 |
Total | 485,000 | 4,466,000 |
The additional funding allocation has come from a reallocation of budgets within the Education Minister's portfolio to help councils with the costs of providing Gaelic education in their areas. This amount is in addition to the Gaelic Specific Grants previously allocated to councils in 2006-07, which totalled £3.914 million.
Under the Gaelic Language Education (Scotland) Regulations 1986, Gaelic Specific Grants are available to councils to cover up to 75 per cent of the costs of providing Gaelic education. Awards are made annually. In 2007-08 £4.446 million is available from the Gaelic Specific Grants Scheme, an increase of over £500,000 in the previous year.
Bids for funding are assessed against the following criteria:
- Potential to increase the number and fluency of Gaelic speakers
- Potential to enhance the cultural and/or linguistic experience of pupils
- Contribution to the promotion of positive attitudes to Gaelic
- Contribution to lifelong learning opportunities in Gaelic
Stòrlann is the national resource centre for Gaelic education, located in Lewis. It develops and distributes the majority of Gaelic teaching materials used in Gaelic medium education.