This item was published during the term of a previous administration that ended in April 2007
Listen
First meeting of new Gaelic agency
17/01/2003
Cuiridh Bòrd Gàidhlig na h-Alba gu mòr ri leasachadh
cànan is cultar na Gàidhlig, arsa Mìchael MacBhàtair ri
buill a' bhùird ùir an-diugh.
Ann a bhith a' cur fàilte air a' Chathraiche agus na
buill chun na ciad coinneimh, thuirt am Ministear le
uallach airson na Gàidhlig gun robh stèidheachadh Bòrd
Gàidhlig na h-Alba, a' toirt fianais soilleir gu bheil
Riaghaltas na h-Alba a' toirt taic agus àite do chànan is
cultair na Gàidhlig.

Thuirt Michael MacBhàtair:
"Tha buill a' Bhùird a' tighinn bho shuidheachaidhean
eadar-dhealaichte agus tha mòran eòlais aca air leasachadh
Gàidhlig agus tha mi a' coimhead air adhart ri bhith ag
obair còmhla ri Mgr Fearghastan agus ri na buill eile ann a
bhith a' cur air adhart poileasaidh Mhinistearan na h-Alba
gus a' Ghàidhlig a chur air stèidh nas làidir airson na
h-àm ri teachd."
B' e aon de phrìomh mholaidhean Buidheann
Comhairleachaidh Ministreil na Gàidhlig, buidheann
leasachaidh Gàidhlig a stèidheachadh agus bidh am Bòrd ùr
a' stiùireadh brosnachadh nàiseanta agus eadar-nàiseanta na
Gàidhlig agus nan tachartasan culturach co-cheangailte ris.
Bidh e an urra ri bhith ag ullachadh plana airson
leasachadh Gàidhlig an Alba, agus a' co-òrdanachadh
buileachadh a' phlana ann an solas aithisg Buidheann
Comhairleachaidh Ministreil na Gàidhlig,
Cothrom Ùr don Ghàidhlig.
Bidh àite fìor chudromach aig Bòrd Gàidhlig na h-Alba a
bhios stèidhichte an Inbhir Nis ann an dearbhadh nam
prìomh-amasan airson leasachadh Gàidhlig an Alba agus ann
an daingneachadh deagh luach an airgid do mhaoinean
poblach.
Chaidh an Cathraiche, Donnchadh Fearghastan,
Ceann-sgoile Àrd-sgoil a' Phluic a chur an dreuchd san
Dàmhair agus chaidh na còignear bhall eile an cur an
dreuchd na bu tràithe san Fhaoilleach. Is iadsan an
t-oileanach Ceit Anna NicLeòid, aig aois 19 am ball as òige
a-riamh de bhuidheann phoblach neo-roinneil (NDPB); an
seinneadair Artair Carmaig; an craoladair Agnes Rennie; an
neach-teagaisg Boyd Robastan; agus an t-oifigear foghlaim
Rosemary Ward.
Tha buidseat de £13 millean aig Riaghaltas na h-Alba
airson na Gàidhlig, a' gabhail a-steach £3.1 m airson
Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig; £1.8 m airson buidhnean
Gàidhlig agus pròiseactan; agus £8.5m airson craoladh
Gàidhlig.
English version
Bòrd Gàidhlig na h-Alba (Gaelic Development Agency) will
make a major contribution to the strategic development of
Gaelic language and culture, its members were told at its
first meeing today.
Mike Watson, the Minister with responsibility for
Gaelic, said that the establishment of Bòrd Gàidhlig na
h-Alba is a clear statement of the Executive's commitment
to and recognition of Gaelic language and culture.
Mr Watson continued:
"The Bòrd members represent varying backgrounds and have
considerable experience of Gaelic development. I look
forward to working with Mr Ferguson and his colleagues in
pursuing Scottish Ministers' policy of ensuring Gaelic's
future."
One of the main recommendations of the Ministerial
Advisory Group on Gaelic was the establishment of a Gaelic
development agency, and the new Board will lead the
national and international promotion of the Gaelic language
and associated cultural activities.
It will prepare a plan for Gaelic development in
Scotland, and will co-ordinate the implementation of the
plan in the light of the report of the Ministerial Advisory
Group on Gaelic,
A Fresh Start for Gaelic.
Bòrd Gàidhlig na h-Alba, which will be based in
Inverness, will have a crucial role in determining the
priorities for Gaelic development in Scotland and in
ensuring good value for money for public funds.
The chairman Duncan Ferguson, head teacher of Plockton
High School, was appointed in October, and the other five
members were appointed earlier in January. They are student
Ceit Anna MacLeod, who at 19 is the youngest-ever member of
a non-departmental public body (NDPB); singer Arthur
Cormack; broadcaster Agnes Rennie; lecturer Boyd Robertson;
and education officer Rosemary Ward.
The Executive has a budget of £13 million for Gaelic,
which includes £3.1 m for Gaelic-medium education, £1.8 m
for Gaelic organisations and projects, and £8.5 m for
Gaelic broadcasting.