This item was published during the term of a previous administration that ended in April 2007
Listen
RO-INNLEACHD ÀITEACHAIS NA H-ALBA A’ SEALLTAINN NA SLIGHE AIR ADHART AIRSON TUATHANACHAS - FINNIE
26/06/2001
An-diugh dh'fhoillsich Ross Finnie, Ministear na h-Àrainneachd agus Leasachadh Dùthchail, a' chiad sgrùdadh cudthromach mun t-slighe air adhart do thuathanachas an Alba, A Forward Strategy for Scottish Agriculture.
Anns an Ro-innleachd - co-obrachadh eadar bhuidhnean a tha an sàs ann - tha sealladh agus slighe air adhart do gach roinn de ghnìomhachas an àiteachais. Tha cunntas ann cuideachd mu iomairtean ùra ag amas air dèanamh cinnteach gum bi tuathanachas an Alba seasmhach san àm ri teachd, a' gabhail a-steach:
An Riaghaltas a' co-obrachadh leis a' ghnìomhachas a' toirt a-steach siostam ùr de thaic EU, Cùmhnantan Riaghladh-fearainn, mar dhuais airson tuathanachas iom-obrachaidh.
An Riaghaltas a' stèidheachadh buidheann-obrach beag le ùidh ann an tuathanachas agus an àrainneachd a bheir sùil air ceistean àrainneachd cudthromach a choinnicheas ri tuathanachas agus a bheir comhairle mu dhòigh-dèiligidh a bhios buannachdail do thuathanachas agus don àrainneachd. Airson a' chiad uair, bidh tuathanaich agus buidhnean àrainneachd a' coimhead ri fuasgladh, chan ann ri duilgheadasan; agus
Quality Meat Scotland a' cur làn thaice ri ceuman ùra ag amas air deagh ìre bidhe a thogail agus air dèanamh cinnteach gun coinnich gnothachas na h-Alba ri feuman luchd-ceannachd ùra.
Thuirt Mgr Finnie:
"Tha mi toilichte gun d' fhuair an Ro-innleachd làn aonta gach ball de Bhuidheann Stiùiridh na Ro-innleachd Àiteachais air an robh uallach airson pròiseas an Riaghaltais a chur air adhart. Ma tha sinn a' dol a shoirbheachadh, feumaidh sinn a bhith air an aon ràmh.
"Tha còrr air bliadhna bho thòisich sinn air a' chiad sgrùdadh cudthromach a chaidh a dhèanamh a-riamh air tuathanachas agus abair bliadhna. Theab an Galair Roilleach sgrios a dhèanamh air ceàrnaidhean den dùthaich againn. Ged a tha dòchas againn gun do rinn sinn a' chùis air a' ghalair, chì sinn a bhuil airson greis.
"Tha an Ro-innleachd a' comharrachadh neartan agus laigsean sa ghnìomhachas. An uairsin tha àitean a tha air leth feumach air atharrachadh agus liosta de mhodhan a dh'fhaodadh an coileanadh.
"Bidh cumhachdan mòra bho muigh daonnan a' bualadh air tuathanachas. Cha bhi smachd againn air na cunnartan ach feumaidh an gnìomhachas againn a bhith comasach air seasamh riutha. 'S e sin adhbhar na Ro-innleachd.
"Tha i a' coimhead air adhart, a' toirt àite don eadar-dhealachadh ann an tuathanachas na h-Alba bho sgìre gu sgìre. Tha i a' cur ìmpidh air a h-uile tuathanas sùil a thoirt air an dòighean cosgais agus buileachaidh airson coileanadh nas fheàrr.
"Tha i cuideachd a' gabhail ris gur dòcha nach urrainn don h-uile tuathanas bith-beò làn-ùine a dhèanamh bho ghnìomhachas a' bhidhe. Tha an Ro-innleachd cuideachd a' tuigsinn àite sòisealta thuathanachas ann an cuid de sgìrean.
AN T-SLIGHE AIR ADHART
"'S e fìor dhearbhadh na Ro-innleachd an gabh a h-uile duine ris agus, air a' cheann thall, suidheachadh sgìrean dùthchail na h-Alba an ceann còig bliadhna. Tha e a' cur ìmpidh air gach buidheann le ùidh ann an àiteachas na h-Alba ri teachd am pàipear seo a leughadh agus beachdachadh air dè an taic a bheir iad.
"Chan eil san Ro-innleachd seo ach toiseach tòiseachaidh, ach saoilidh mi gu bheil e a' comharrachadh nan cùisean ris am feumar dèiligeadh airson fìor leasachadh air a' ghnìomhachas chudthromach seo. Tha e a' cur na ceiste - a bheil sinn deònach na h-atharrachaidhean iomchaidh a dhèanamh? Tha mise a' creidsinn gu bheil agus gum bu chòir dhuinn an cothrom seo a ghabhail, ach tha an còrr an urra ris a' ghnìomhachas fhèin."
OBAIR DÙTHCHAIL
Thuirt Mgr Finnie cuideachd:
"Am measg nam prìomh chùisean a tha romhainn tha an t-àite dligheach a thoirt do thuathanachas nar sgìrean dùthchail. Sheall an galair roilleach do mhòran mar a tha tuathanachas a' ceangal a-steach ri pàirtean eile den eaconamaidh ionadail. Ma dh'ionnsaich sinn dad bhon ghalair roilleach, 's e gu feum eaconamaidh fhallain tuathanachas fallain.
"Chan eil sin ri radh gu bheil còir aig tuathanachas os cionn gach nì eile. Tha dleastanasan aige ri choileanadh agus dh'fhaodadh e cuideachd a bhith feumail do sgìrean dùthchail san fharsaingeachd.
"Tha an Ro-innleachd a' cur ìmpidh air a h-uile duine - ùghdarrasan ionadail, tuathanasan, turasachd, companaidhean iomairt agus eile - aire a thoirt do na ceanglaichean sin. Feumaidh sinn dòigh air na ceanglaichean obrachadh gu buannachd gach duine.
"Feumaidh Alba siostam taice le làn thuigse den eadar-dhealachadh san tuathanachas againn. Tha buannachdan ann an tuathanasan don eaconamaidh, cùisean sòisealta agus an àrainneachd ach tha iad ag atharrachadh bho sgìre gu sgìre. Tha tabhartasan stèidhichte air sgìre agus àrainneachd air tòiseachadh cheana ach tha duilgheadas aca-san cuideachd, gu h-àraidh an Alba le meud agus gnè thuathanasan cho eadar-dhealaichte.
"Sheall sinn, gu sònraichte, ris an Fhraing, far an tug an Riaghaltas a-steach siostam taice ùr de Chùmhnantan Riaghladh-fearainn a tha a' duaiseachadh tuathanachas iom-obrachaidh agus a' tuigsinn mar a tha seo ag atharrachadh air feadh na dùthcha.
"Saoilidh mi gum biodh Cùmhnantan Riaghladh-fearainn a' co-fhreagairt feuman na h-Alba nas fheàrr na an t-seann thaic stèidhichte air buileachadh. Tha an Ro-innleachd a' ceangal an Riaghaltais ri co-obrachadh thar nan dà bhliadhna no trì ri teachd leis a' ghnìomhachas, buidhnean dùthchail eile agus an Coimisean a' leasachadh na taic ùr seo stèidhichte air an Riaghailt-leasachaidh Dùthchail. Bheir seo fuasgladh Albannach do chùisean Albannach.
OBAIR ÀRAINNEACHD
"Chuir mi romham gum bu chòir don Ro-innleachd aghaidh a chur air cùisean a bhios sinn a' seachnadh leis cho doirbh 's a tha iad - mar ceanglaichean eadar tuathanachas agus an àrainneachd. Tha deagh àrainneachd deatamach do chliù tuathanachais agus do shàbhailteachd a' bhidhe a tha a' tighinn bhuaithe. Tha an earrann phoballach agus tuathanaich a' cur barrachd gach bliadhna ri ceuman airson ar n-àrainneachd a dhìon agus a leasachadh.
"Ach chan eil e daonnan furasta do mhìltean de ghnìomhachasan beaga cumail suas ri mar a tha iarrtasan luchd-cleachdaidh a' sìor fhàs. Tha an Ro-innleachd a' feuchainn ri dèiligeadh ris an seo agus tha liosta ann de mhodhan prataigeach airson seo a dhèanamh.
"'S e an nì as cudthromaiche gu bheil e an rùn an Riaghaltais buidheann-obrach beag a dhèanamh suas bho bhuidhnean tuathanachais agus àrainneachd. Bidh uallach air airson sgrùdadh nan cùisean àrainneachd cudthromach a bheir buaidh air tuathanachas agus giollachd bidhe sna 5 gu 10 bliadhna ri teachd agus airson comhairle don Riaghaltas mu dèiligeadh riutha.
"Tha mi cuideachd ag iarraidh orra - fo stiùireadh chathraiche neo-eisimeileach - co-obrachadh airson sia mìosan gus lorg chan e a-mhàin na cùisean ris am feum sinn dèiligeadh ach dòigh-dèiligidh a bhios feumail do thuathanachas agus an àrainneachd. 'S e mo ghuidhe gun gabh gach roinn ris an iarrtas sònraichte seo. "
TUATHANACHAS SOIRBHEACHAIL
"'S e an dùbhlan mòr dòighean a lorg anns an dèan an gnìomhachas barrachd às a' bhiadh. Sheall na bliadhnachan a dh'fhalbh nach fhaod an gnìomhachas a bhith an urra ri Poileasaidh Coitcheann an Àiteachais airson taic cosnaidh. Gu dearbh, mar a dh'fhàsas an EU, tha e dualtach gun tuit ìrean subsadaidh tuathanachais. Feumaidh sinn ullachadh airson sin agus feumaidh tuathanasan dòighean ùra a lorg air cosnadh nas fheàrr a dhèanamh bhon mhargadh.
"Air iomadh dòigh, tha gnìomhachas na h-Alba fortanach. Tha an dualchas deagh stuthan, gnìomhachasan teaghlaich, ionadan rannsachaidh cliùiteach, gealltanas càileachd dearbhte agus siostaman tuathanachais farsaing a' toirt dhuinn làmh an uachdar leis an neach-cleachdaidh ùr.
"Feumaidh tuathanasan, mar phàirtean eile den t-sèana bidhe, stuth a dhèanamh a bhios luchd-cleachdaidh deònach a cheannachd. Le sin feumar tuigse nas fheàrr de luchd-cleachdaidh, cosgaisean nas ìsle, obrachadh nas dlùithe le daoine eile san t-sèana bidhe gus am faigh luchd-obrach barrachd den phrìs deireannach, gun stuth a dhèanamh gus am bi duine againn a cheannaicheas e.
"Anns an Ro-innleachd tha gealltanas bho bhuidheann cìse ghnìomhachas na feòla fhèin, Quality Meat Scotland, airson ceuman ùra. Tha iad a' gabhail a-steach:
ùrachadh nan ìrean Gealltanas Càileachd a tha ann an roinnean leithid galaran bheathaichean agus dìon na h-àrainneachd;
dèanamh cinnteach gun tèid coinneachadh ri na h-ìrean sin tro sgrùdadh neo-eisimeileach de na 11,000 ball; agus
riochdaire luchd-cleachdaidh a chur air bòrd riaghlaidh QMS gus am bi an cudthrom dha-rìreabh air an luchd-cleachdaidh. "
FIOS DO LUCHD-DEASACHAIDH
1. Tha A Forward Strategy for Scottish Agriculture ri fhaotainn air làrach-lìn Riaghaltais na h-Alba aig www.scotland.gov.uk
2. Tha dreach Gàidhlig den fhios-naidheachd seo ri fhaotainn air làrach-lìn Riaghaltais na h-Alba aig www.scotland.gov.uk
News Release: SE1547b/2001
26 Jun 2001