News Release

This item was published during the term of a previous administration that ended in April 2007

Listen

An T-Ionad Gaidhlig an Arainn Ionnsachaidh as Barraichte San Roinn Eorpa

02/07/1998

'S e Arainn Chaluim Chille aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach "an t-ionad ionnsachaidh as barraichte a bhios san Roinn Eòrpa" thuirt Ministear Foghlaim na h-Alba, Brian MacUilleim an-diugh.

Bha Mgr MacUilleim a' bruidhinn an dèidh dha a bhith air chuairt aig a' ghoireas foghlaim a thathar a' togail an-dràsta ann an Slèite san Eilean Sgitheanach. Tha an obair a' dol air adhart air làrach a tha mu choinneamh Mhùideart le sealladh farsaing air an sgìre a tha tuath air Rubha Aird na Murachain.

Thuirt Mgr MacUilleim:

"Bidh seo na ionad iom-fhillte, le sàr goireasan ionnsachaidh agus àiteachan fuirich a dh'fhaodar a chleachdadh a chum a bhith a' toirt taic dhan eaconomaidh ionadail cho math ri bhith a' frithealadh air feumalachdan oileanaich Sabhal Mòr Ostaig.

"Cuiridh e gu mòr ri inbhe agus àite Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a leithid de ghoireas a bhith ann aig àrd ìre a dh'aon ghnothaich airson a' chànain. 'S e deagh thasgadh a tha ann bho thaobh an fhoghlaim, an eaconomaidh agus a' chultair.'

Fios Naidheachd: G1366/98
1 Iuchar 1998

Page updated: Monday, July 30, 2007