On this page:

Cùisean Sgaoilte agus Glèidhte

Cùisean Sgaoilte:
  • slàinte
  • foghlam agus trèanadh
  • riaghaltas ionadail
  • obair shòisealta
  • taigheadas
  • dealbhadh
  • turasachd, leasachadh eaconamach is taic maoineachais do ghnìomhachas
  • cuid de chùisean siubhail, a' gabhail a-steach rathaidean na h-Alba, poileasaidh bhusaichean agus puirt agus calachan
  • lagh agus gnothaichean na dùthcha, a' gabhail a-steach a' mhòr-chuid de chuspairean a' buntainn ris an lagh chatharra agus eucorach, an siostam chasaidean agus na cùirtean
  • seirbheisean Poileis agus Smàlaidh
  • àrainneachd
  • toglaichean eachdraidheil agus dualchas nàdarra
  • àiteachas, forsaireachd agus iasgach
  • spòrs agus na h-ealain
  • staitistig agus clàran agus cunntasan poblach
Cùisean Glèidhte:
  • cùisean a' buntainn ri bunreachd na dùthcha
  • poileasaidh cèin UK
  • dìon agus teàrainteachd nàiseanta UK
  • siostam fioscalach, eaconomach is ionmhasail
  • in-imrich agus nàiseantachd
  • cumhachd: dealan, gual, gas agus cumhachd niùclasach
  • margaidhean coitcheann
  • malairt agus gnìomhachas, a' gabhail a-steach farpais agus dìon luchd-caitheimh
  • cuid de chùisean siubhail, a' gabhail a-steach rathaidean-iarainn, sàbhailteachd agus riaghailtean siubhail
  • reachdas fastaidh
  • sochairean sòisealta
  • ceàrrachas agus an Crannchur Nàiseanta
  • dìon dàta
  • breith anabaich, sìolachadh agus suth-eòlas agus beò-ghearradh
  • co-ionannachd chothroman

Tha Achd na h-Alba a' mìneachadh, ann an Earrann 5, na cùisean a tha glèidhte. Tha cùis sam bith nach eil glèidhte, no a tha mìnichte san Achd mar gum biodh taobh a-muigh uallach na Pàrlamaid, air a mheas sgaoilte.

Tha còraichean an fhiosrachaidh a tha air an làrach lìn seo glèidhte leis a' Chrùn ach dh'fhaodar ath-fhoillseachadh as aonais cead no gun chosgais ma thathar a' dol ga chleachdadh airson adhbhar pearsanta no san oifis. Àicheadh Dìomhaireachd is Susbaint.

Airson fiosrachadh mun làrach lìn seo cuiribh post dealain gu ceu@scotland.gov.uk no lìonaibh a-steach ar ceisteachan air-loidhne.

Page updated: Wednesday, September 21, 2005